Chàineadh duais £1m do dh'uachdaran 'son craobhan a chur
- Air fhoillseachadh
Rinn Caidreachas nan Croitearan càineadh air an taic-airgid luach £1m a fhuair Ceann-cinnidh 'icLeòid, Ùisdean MacLeòid, airson mu 370,000 craobhan a chur air an oighreachd aige ann an Dùn Bheagain san Eilean Sgitheanach.
Tha an oighreachd ag ràdh gun ath-bheòthaich an obair fearainn a chaidh na fhàsach leis gu robh caoraich agus fèidh ag ionaltradh air fad linntean mòra.
Tha a' chiad ìre air a mhaoineachadh leis an Aonadh Eòrpach agus Riaghaltas na h-Alba.
Ach tha ceist air Caidreachas nan Croitearan an e seo an dòigh as fhèarr airgead poblach a chosg a bhith a' toirt £1m do cheann-feadhna airson craobhan a chur air talamh far am faodar bàrr a chur.
Thuirt cathraiche na buidhne, Yvonne White: "Airgead mòr mar seo, feumar a bhith cinnteach gu bheilear ga chosg ceart a chum maith choimhearsnachdan.
"Tha an àrainneachd ann agus tha sinn cuideachd feumach air biadh a dhèanamh gu h-àraid leis a' bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig Brexit air a' ghnìomhachas."