Fearann airson taigheadais a dhìth sna h-Eileanan an Iar

Air fhoillseachadh

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' dèanamh oidhirp fearann a bharrachd fhaighinn airson taigheadais gu h-àraid a-muigh air an tuath.

Tha seo mar phàirt den ath Phlana Leasachaidh Ionadail agus Ro-Innleachd Taigheadais Ionadail aig an ùghdarras.

Sgrìobh iad gu uachdarain, urrasan coimhearsnachd agus comataidhean ionaltraidh ag iarraidh bheachdan air mar a ghabhas piseach toirt air an t-suidheachadh, gu sònraichte do dhaoine òga.

Tha iad gu sònraichte airson feuchainn ri talamh a lorg a-muigh air an duthaich, an dà chuid airson taighean prìobhaideach agus poblach.

Thuirt Cathraiche Comataidh an Taigheadais an Comhairliche Kenny John MacLeòid: "Tha mothachadh againn gu bheil an àireamh de sheann daoine ann an tòrr de na coimhearsnachdan iomallach againn aig ìre gu math nas àirde na tha fallainn.

"Airson dèanamh cinnteach gum bi na coimhearsnachdan seasmhach againn tha thu ag iarraidh measgachadh sa h-uile coimhearsnachd a tha sin," thuirt e.

Tha dà bhliadhna on sgrìobh an Comh. MacLeòid dha na comataidhean ionaltraidh agus thug e taing dhaibhsan a thug freagairt dha.

"Chaidh tuilleadh rannsachaidh a dhèanamh air tòrr de na pìosan talmhainn a chaidh aithneachadh agus tha dùil gum bi taighean gan togail orra fhathast.

"Ach tha sinn airson tuilleadh a dhèanamh gus nach bi bacadh air daoine fuireach sna coimhearsnachdan aca fhèin gu h-àraid an òigridh."