Tillidh Geamannan nan Eilean ann an 2023
- Air fhoillseachadh
Tillidh Geamannan nan Eilean ann an 2023 ann an Guernsey.
Bha duil gum biodh iad an sin an ath-bhliadhna ach chaidh sin atharrachadh air sgàth buaidh a' phandemic.
Agus dh'innis Comann Eadar-Nàiseanta nan Geamannan gun tèid geamannan Arcaibh a ghluasad gu 2025.
Thuirt Cathraiche Chomann Gheamannan Eileanach nan Eilean Siar (WIIGA), Norrie Dòmhnallach, gu bheil iad air an tàmailteachadh ach gun robh dùil ris an naidheachd.
Bha e ag ràdh: "Tha sinn a' coimhead air adhart ris an àm a gheibh na lùth-chleasaichean againn air tòiseachadh air ullachadh.
"Bu chaomh leinn taing a thoirt dhan fheadhainn a bha an sàs ann a bhith a' dèanamh a' cho-dhùnaidh.
"Tha sinn a' coimhead air adhart ri coinneachadh ri ar caraidean às na h-eileanan eile a tha an sàs anns na geamannan nuair a bhios sin comasach."