Fear an grèim às dèidh bàis an Druim na Drochaid

Air fhoillseachadh

Tha fireannach, 33, an grèim aig na Poilis ann an co-cheangal ri bàs boireannaich, 66, faisg air Druim na Drochaid.

Chaidh a corp fhaighinn ann an Cùl na Circe feasgar Diluain.

Thuirt na Poilis gu bheil iad fhathast a' rannsachadh na thachair.