"Fàiligeadh iomlan" a thaobh shoithichean ùra

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, CMAL

Feumar atharrachadh bunaiteach a dhèanamh air mar a tha bàtaichean-aiseig gan solarachadh do Chaledonian Mac a' Bhriuthainn.

Tha sin a rèir Bhall-Pàrlamaid a rinn rannsachadh air carson a tha dà bhàt'-aiseig do ChalMac bliadhnaichean air dheireadh agus a dhà uimhir nas daoire na bhathas an dùil.

Thuirt Comataidh na h-Eaconomaidh Dùthchail gun robh "fàiligeadh iomlan" anns an dòigh san deach na cùmhnantan a thoirt do Ghàradh MhicFhearghais, agus an dòigh anns an deach an obair a stiùireadh.

Thòisich Comataidh na h-Eaconomaidh Dùthchail an sgrùdadh san Dàmhair an-uiridh, goirid mus do cho-dhùin Riaghaltas na h-Alba a' chompanaidh Ferguson Marine a cheannachd.

Thug iad dhaibh iasadan luach £45m airson dèanamh cinnteach gun leanadh an obair air an dà bhàta do ChalMac - tè 'son Eilein Arainn agus tè a bhios a' dol eadar Loch nam Madadh, Ùige agus an Tairbeart.

Tha aithisg na comataidh a' càineadh gach buidhean a bha an-sàs sa phròiseas - a' chompanaidh-togail, agus na buidhnean riaghaltais - Còmhdhail Alba agus CMAL.

Bha stiùireadh, conaltradh agus soillearachadh a dhìth, cho-dhùin iad, aig gach ìre den phròiseas agus bha còir aig an Riaghaltas stad a chur air an obair gus am bùrach a sheachnadh.

Tha iad a' moladh ath-sgrùdadh neo-eisimeileach air a' ghnothach agus aithisgean bho Bhuidhinn Sgrùdaidh na h-Alba air mar a làimhsich CMAL ionmhas a' chùmhnaint, agus air na h-iasadan a thug Riaghaltas na h-Alba do Ferguson Marine.

Chuir Riaghaltas na h-Alba fàilte air an aithisg agus thuirt iad gum bi iad a' dèanamh ath-sgrùdaidh air na structairean laghail fo am bi CMAL, CalMac agus Còmhdhail Alba ag obair còmhla.

Thuirt aonadh an RMT: "Tha e follaiseach gun tug Riaghaltas na h-Alba na cùmhnantan seo seachad ro luath is iad air dheireadh le bhith a' lìbhrigeadh Plana nan Aiseagan.

"Bha an cabhag sin a' ciallachadh gun deach na milleanan notaichean de dh'airgead poblach a cheitheamh agus gu bheil luchd-obrach ChalMac agus coimhearsnachdan air am fàgal le aiseagan aosta."