Obraichean àrainneachdail nam buannachd do dh'eileanan

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Maree NicNeacail

Sheall aithisg ùr gum faodadh fàs ann an obraichean stèidhichte air an àrainneachd a bhith na bhuannachd do choimhearsnachdan eileanach agus dùthchail na h-Alba.

Dh'innis an rannsachadh aig Nàdar Alba gun robh cha mhòr 200,000 duine ag obair san roinn seo ann an Alba ann an 2019, mu 7.5% de shluagh-obrach na dùthcha.

A rèir na h-aithisg, tha cosnaidhean stèidhichte air an àrainneachd a' toirt a-steach leithid àiteachas, rianachd na mara, iasgach, turasachd agus gnìomhachasan a' bhìdh agus na dibhe.

Chan eil obraichean co-cheangailte ri cumhachd ath-nuadhachail gam meas mar dhreuchdan àrainneachdail.

Dh'innis an aithisg gu bheil na tha de dh'obraichean san roinn air fàs gu mòr bho 2015.

Tha dùil gun cùm sin a' dol agus oidhirp a' leantainn air eimiseanan a ghearradh.

Cothroman

Tha iad ag ràdh gu bheil cothroman ann do choimhearsnachdan eileanach is coimhearsnachdan dùthchail eile.

Thuirt Nàdar Alba gu bheil a' mhòr-chuid de dh'obraichean àrainneachdail mar-thà stèidhichte ann an sgìrean dùthchail.

Dh'innis iad gum faodadh suas ri 30% de na dreuchdan ùra a bhios ann sna bliadhnaichean ri tighinn, air an stèidheachadh ann an eileanan na h-Alba, agus 60% ann an sgìrean dùthchail eile.

Thuirt iad gum faodadh buannachdan mòra a bhith an seo airson sluagh a chumail anns na coimhearsnachdan seo, no daoine eile a thàladh.

Tha rabhadh ann gu bheil dùbhlain ann cuideachd ge-tà, nam measg gu bheil feum air trèanadh a bharrachd do dhaoine a tha 'son a bhith ag obair san roinn.

Thuirt an aithisg cuideachd gu bheil mòran de na tha ag obair san roinn aig an ìre seo suas ann am bliadhnaichean agus gur e fireannaich a tha sa mhòr-chuid dhiubh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh