Obraichean ealain

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, An Lanntair

Tha an Lanntair ann an Steòrnabhagh a' coimhead ri luchd-ealain a tha ag obair air an ceann fhèin agus co-òrdanaiche pròiseict fhastadh airson pròiseact ùr, Ceanglaichean Cruthachail Leòdhais agus na Hearadh.

Leis a' phòiseact seo, thèid bùithtean obrach air-loidhne anns na h-ealain lèirsinneach agus obair-aodaich a lìbhrigeadh bhon Fhaoilleach chun Òg-Mhìos 2021

Thèid taic a thoirt dha inbhich a tha còrr air 60 bliadhna a dh'aois pàirt a ghabhail anns na bùithtean-obrach, a bhios an dà chuid ann an Gàidhlig agus Beurla.

Thuirt Moira NicDhòmhnaill bhon Lanntair gu bheil cothroman còmhraidh agus cothroman a bhith cruthachail anabarrach cudromach aig an àm seo.

Tha an Lanntair a' coimhead airson suas ri ceathrar luchd-ealain airson a' phròiseict agus co-òrdanaiche.

Dh'fhaodadh aonan dhen luchd-ealain obair a' cho-òrdanaiche a dhèanamh cuideachd.

Feumaidh dithis dhen luchd-ealain a bhith fileanta sa Ghàidhlig.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh aig www.lanntair.com.