Fireannach ìosal anns an ospadal an dèidh tubaist
- Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Google
Thachair an tubaist faisg air ceann-rathaid Skye of Curr
Tha fireannach ìosal anns an ospadal an dèidh tubaist eadar tractar agus bhan faisg air Baile nan Granndach.
Chaidh na seirbheisean èiginneach a ghairm gu ceann-rathaid Skye of Curr air an A95 mu 07:45 anns a' mhadainn Dimàirt.
Chaidh fireannach, 33 bliadhna a dh'aois, a sgèith gu Ospadal Rìoghail Obar Dheathain.
Bha an rathad dùinte airson ochd uairean a thìde gus an deigheadh rannsachadh a dhèanamh.
Tha na poilis ag iarraidh air luchd-fianais a thighinn air adhart.