Airgead 'son Inbhir Narann ath-bheothachadh

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, DS Pugh / Geograph

Dh'aontaich comhairlichean ann am prionnsabal cha mhòr £30,000 a thoirt dhan bhuidhinn BID Inbhir Narann 'son am baile a chuideachadh faighinn seachad air buaidh Covid-19.

Thig an t-airgead bho Stòras Meadhan Bhailtean Riaghaltas na h-Alba.

Thàinig e am bàrr air a' mhìos seo chaidh gun robh airgead a bharrachd gu bhith san stòras gus bailtean a chuideachadh.

Thèid £28,052 a thoirt seachad airson Inbhir Narann.

Tha buill air Comataidh Siorrachd Inbhir Narann aig Comhairle na Gàidhealtachd a-nise air aontachadh ann am prionnsabal an t-airgead sin a thoirt do BID Inbhir Narann.

Plana

Tha iad ag iarraidh air a' bhuidhinn conaltradh a dhèanamh gu h-ionadail mus till iad tràth sa bhliadhna ùire le plana airson an t-airgead a chosg.

"Tha sinn air aontachadh ann am prionnsabal airgead Inbhir Narann a thoirt do BID Inbhir Narann oir tha na dearbh amasan aca 's a tha aig Stòras Meadhan Bhailtean an Riaghaltais", thuirt cathraiche na comataidh, an Comh. Tom Heggie.

"Tha sinn ag iarraidh orra co-chomhairle a dhèanamh is pròiseact no pròiseactan a tha freagarrach a thoirt air adhart.

"Cuidichidh an t-airgead seo gus eaconomaidh Inbhir Narann a chuideachadh is ath-bheothachadh tro staing Chovid-19", thuirt e.

Bidh coinneamh shònraichte aig a' chomataidh sa bhliadhna ùir 'son beachdachadh air plana BID Inbhir Narann.