Comann na Camanachd ag amas air làn sheusan

Air fhoillseachadh

Dhearbh Comann na Camanachd gu bheil iad ag amas air làn sheusan iomain a chluich ann an 2021.

Rinn Covid-19 milleadh air cùisean ann an 2020 agus an seusan a' sguir sa Mhàirt is e gun ach tòiseachadh.

Ged a bha an Comann an dòchas gum biodh e comasach farpaisean ionadail a chluich ro dheireadh na bliadhna, cha robh ann ach corra gheama air a' cheann thall.

Ach às dèidh AGM na buidhne air an deireadh-sheachdain, tha iad a-nise air sgrìobhadh dha na clubaichean a dhearbhadh gu bheil iad ag amas air seusan àbhaisteach a chluich ann an iomain nam fear ann an 2021, ged a tha iad ag aideachadh gum bi seo a rèir dè dìreach an suidheachadh a bhios ann agus dè na bacaidhean a dh'fhaodadh a bhith ann.

Tha iad an dùil an seusan ùr a thòiseachadh air an 6mh den Mhàirt agus iad ag amas air na farpaisean àbhaisteach a chluich.

Clàradh

Ma 's e is gun tig cnapan-starra san rathad orra, tha plana aca lìogaichean ionadail a chur air dòigh agus ìrean tràth nam farpaisean cupa nàiseanta a chluich gu sgìreil cuideachd.

Tha an Comann ag iarraidh air clubaichean clàradh airson nam farpaisean ron 16mh den Dùbhlachd.

Chan eil e soilleir fhathast dè dìreach a thachras a thaobh seusan iomain nam ban.

Aig an dearbh àm, thàinig naidheachd nach tèid Cupa MhicShimidh eadar Lòbhat is a' Mhanachainn air adhart aig a' Bhliadhna Ùir.

Bha còir geama 2021 a bhith sa Mhanachainn ach tha suidheachadh a' Choròna-bhìorais a' fàgail gun deach a chur dheth.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh