Coimhearsnachdan na Gàidhlig feumach air stiùireadh

Air fhoillseachadh

Thuirt fear de chomhairlichean an Eilein Sgitheanaich gu bheil coimhearsnachdan feumach air stiùireadh agus structar airson suidheachadh na Gàidhlig a leasachadh.

A' bruidhinn às dèidh coinneimh mun chùis oidhche Mhàirt, thuirt Calum Rothach cuideachd gum feum coimhearsnachdan cuid den uallach sin a ghabhail os làimh iad fhèin.

Chaidh a' choinneamh bhiortail a chur air dòigh 'son bruidhinn mun leabhar The Gaelic Crisis in the Vernacular Community a nochd nas tràithe am-bliadhna, is a thug seachad rabhadh làidir mu staid a' chànain aig ìre na coimhearsnachd.

Bha sreath de choinneamhan ann mu dheidhinn mar-thà anns na h-Eileanan an Iar.

Air a' phanail oidhche Mhàirt bha BPA an Eilein Sgitheanaich, Ceit Fhoirbeis, còmhla ri seann fhear-gairm Comhairle na Gàidhealtachd, Mìchael Foxley, agus Calum Rothach fhèin, a tha cuideachd na chathraiche air Comataidh na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd.

Ghabh còrr is 60 pàirt air loidhne.

Toiseach-tòiseachaidh

Thuirt an Comh. Rothach às dèidh làimhe gun robh e air a mhisneachadh le sin is gun robh e a' faireachdainn gur e toiseach-tòiseachaidh a bh' ann.

Tha e ag ràdh gu bheil deagh rùn ann dhan chànan sa choimhearsnachd ach gu bheil feum air taic.

"Tha luchd-labhairt na Gàidhlig - na daoine anns na coimhearsnachdan - tha iad ag iarraidh stiùireadh.

"Ann an dòigh tha sinn feumach air stiùireadh nas fharsaing aig ìre ro-innleachdail aig ìre nàiseanta. Tha stiùireadh ri thighinn bho gu h-àird agus cuideachd aig ìre coimhearsnachd tha stiùireadh a dhìth.

"Agus tha mi a' creidsinn gur e a thàinig às an rannsachadh gur e muinntir nan coimhearsnachdan fhèin a dh'fheumas an stiùireadh sin a ghabhail os làimh", thuirt e.

Dh'innis an Comh. Rothach cuideachd gu bheil e den bheachd nach eil na structaran a th' ann an-dràsta a thaobh na Gàidhlig ag obair.

Thuirt e gum feum na diofar bhuidhnean a th' ann co-obrachadh leis a' choimhearsnachd airson sin a chur ceart.

Eisimpleir

"Tha e follaiseach gu bheil structar ùr a dhìth a bhith a' freagairt air feumalachdan ionadail.

"Tha obair aig Bòrd na Gàidhlig ri dhèanamh, tha obair aig Comhairle na Gàidhealtachd ri dhèanamh, ach cuideachd obair aig muinntir nan coimhearsnachdan ri dhèanamh", thuirt e.

Thuirt Ceit Fhoirbeis BPA gun robh i fhèin air a misneachadh gun do nochd còrr is 60 duine.

Tha i ag ràdh gum feum a h-uile duine eisimpleir a thoirt seachad le a bhith a' cleachdadh na Gàidhlig cho tric 's a ghabhas.

"An àite dìreach a bhith a' deasbad mu cheadan agus laghan agus cumhachdan agus maoineachadh, tha e tòrr nas cudromaiche gu bheil daoine ann a tha ag iarraidh a bhith a' cleachdadh na Gàidhlig.

"Mura h-eil an òigridh a' cluinninn na Gàidhlig, chan eil iad a' dol a bhith a chleachadh na Gàidhlig", thuirt i.