Co-dhùnadh BiFab "na iongnadh"

Air fhoillseachadh

Thuirt ceann-suidhe na companaidh a tha os cionn BiFab gun robh e na iongnadh dhaibh nuair a chaidh taic-airgid bho Riaghaltas na h-Alba a tharraing.

Cheannaich a' chompanaidh Chanadianach DF Barnes BiFab ann an 2018.

'S e BiFab a tha a' ruith Gàrradh Àranais ann an Leòdhas agus dà ghàrradh ann am Fìobha.

Bha Jason Fudge bho DF Barnes a' bruidhinn ri buill air Comataidh na h-Eaconomaidh agus na Cumhachd aig Pàrlamaid na h-Alba Dimàirt.

Thog e air mar a chaidh barrantas luach £30m bho Riaghaltas na h-Alba airson BiFab a chuideachadh cùmhnantan fhaighinn, a tharraing.

"Chuir an co-dhùnadh sin iongnadh mòr oirnn", dh'innis Mgr Fudge dhan chomataidh.

Riaghailtean

"Bha sinn dìreach air ainm a chur ri litir mu chùmhnant a bha a' dol a thoirt 500 cosnadh gu Fìobha.

"Bha sinn air ùine a chosg air a' chùmhnant sin is 's e cùmhnant mòr a bh'ann a bhiodh air tòrr chosnaidhean a chruthachadh. An uairsin chaidh an taic-airgid a tharraing.

"Chuir e iongnadh mòr oirnn", thuirt e.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba, a chosg £50m air BiFab mar-thà, nach b'urrainn dhaibh am barantas a thoirt seachad air sgàth riaghailtean a thaobh taic-stàite.

Dh'aontaich Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte leis a' bheachd sin.

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar mar-thà gu bheil a h-uile coltas ann gu bheil linn BiFab/DF Barnes aig Àranais a' tighinn gu ceann.

Dh'innis iad gu bheil iad ag obair gus an gàrradh a shaoradh do bhuidhnean eile aig a bheil ùidh ann.