Droch thubaist faisg air Baile nan Granndach
- Published
image copyrightGoogle
Chaidh fireannach a sgèith dhan ospadal an dèidh tubaist le tractar agus bhana air a' Ghàidhealtachd.
Thachair an tubaist aig ceann-rathaid Skye of Curr air an A95 faisg air Baile nan Granndach.
Chaidh fios a chur air na seibheisean èiginneach mu 07:45.
Thuirt na poilis gun robh an duine air a ghoirteachadh gu dona agus gun deach a stèith gu Ospadal Rìoghail Obar Dheathain.
Chaidh an rathad a dhùnadh, le dràibhearan gan cur taobhan eile.