BBC Naidheachdan

Cead airson ionad shaidheansan beatha an Inbhir Nis

Published
image copyrightOther

Tha planaichean airson ionad shaidheansan beatha ùr aig Campas Inbhir Nis an dèidh cead fhaighinn.

'S e Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean a th' air cùl nam planaichean.

Bidh e mar phàirt de phròiseact nas motha le NHS na Gàidhealtachd, a tha a' dol a stèidheachadh ghoireasan slàinte aig an làraich.

Còmhla, chruthaichidh na pròiseactan timcheall air 190 cosnaidhean.

Thuirt Stiùiriche Bun-stuctar Gnothachais HIE, Ruairidh MacNèill, gur e leasachadh mòr a tha seo do dh'Inbhir Nis agus dhan Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan.

Bha e ag ràdh gun cuidich e le bhith a' tàladh dhaoine dhan sgìre agus le bhith a' glèidheadh sluaigh.

Chuir an UHI fàilte air cuideachd.

Thuirt an t-àrd oifigear riaghlaidh aca, Fiona Larg, gu bheil iad an dòchas goireas a bhios cudromach aig ìre nàiseanta a chruthachadh.

Fhuair prògram shaidheansan beatha an UHI £9m tro Aonta Baile is Sgìre Inbhir Nis agus na Gàidhealtachd.