BBC Naidheachdan

Cead ga dhiùltadh airson taigh an Cùl Lodair

Published
image copyrightGetty Images

Chaidh plana gus taigh spaideil a thogail faisg air làrach Bhlàir Chùil Lodair a dhiùltadh le Riaghaltas na h-Alba.

Tha seo ged a thug comhairlichean Gàidhealach cead dhan phlana aig an ailtire Mark Hornby agus a bhean Gillian an-uiridh gus seann sabhal agus an t-àite mu chuairt air a leasachadh.

Tharraing ministearan a-steach an co-dhùnadh is draghan ann mu dheidhinn cho faisg sa bhiodh an leasachadh air làrach a' bhlàir.

Mhol Neach-aithris Riaghaltas na h-Alba cead a thoirt dhan phlana, ach chaidh ministearan an aghaidh sin.

Bha iad dhen bheachd gun robh am plana ro mhòr airson na làraich.