Trioblaidean ionmhais aig HSCP

Published

Tha Com-pàirteachas Slàinte is Cùraim Shòisealta Earra-Ghàidheal is Bhòid - an HSCP - ann an cunnart a dhol £2.5m thairis air a' bhuidseat aca aig deireadh na bliadhna ionmhais.

Sin an naidheachd a bh' aig ceannard ionmhais na buidhne, Judy Orr, do choinneimh a' bhùird.

Ach tha tomhais chobhair air fàire, 's Riaghaltas na h-Alba air gealltainn an cuideachadh air sgàth buaidh a' Choròna-bhìorais.

Tha iad an dòchas timcheall air £1.9m fhaighinn bhon Riaghaltas.

Cuideachd, chan eil cùisean a' coimhead cho dona 's bha iad bho chionn dà mhìos nuair a bha iad a' sùileachadh a dhol £3m thairis air a' bhuidseat.