Làrach-lìn mu Hub Bharraigh

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, CNES

Chaidh làrach-lìn fhoillseachadh Diciadain far a bheil na planaichean 'son Campas Coimhearsnachd Bharraigh is Bhatarsaigh a tha san amharc.

Tha an sgioba a tha na lùib airson fiosrachadh a chumail ri muinntir nan eilean mu na planaichean agus cothrom a thoirt dhaibh na beachdan aca a thoirt seachad.

Tha planaichean Comhairle nan Eilean Siar agus Bhòrd Slàinte nan Eilean Siar gus hub a stèidheachadh am Bàgh a' Chaisteil air a bhith gu math connspaideach.

Bha dùil gun rachadh seiseanan poblach a chumail san eilean gus fiosrachadh a thoirt do dhaoine agus an cuid bheachdan fhaighinn mun phròiseact.

Ach cha deach air aghaidh le sin air sàilleabh suidheachadh a' Choròna-bhìorais.

An àite iad sin, chaidh làrach-lìn a chruthachadh, air a bheil fiosrachadh agus dealbhan mu na planaichean a th' ann agus cothrom ga thoirt do dhaoine beachdachadh orra.

Thuirt stiùiriche a' phròiseict 'son hub North Scotland, Ann McCarlie, a tha ag obair air seo cuide ri Comhairle nan Eilean Siar, Bòrd Slàinte nan Eilean Siar agus Buidheann Taigheadais Innse Gall, gur ann aig ìre gu math tràth a tha na planaichean 'son a' champais, agus gu bheil a' cho-chomhairle mar phàirt chudromach den phròiseas.

Thèid aig daoine air tadhal air an làraich-lìn air www.bvcc.scot

Tha àireamh fòna ann cuideachd - 01851 822 656.