Rannsachadh slàinte gus tòiseachadh às ùr

  • Air fhoillseachadh
An StòrrTùs an deilbh, John Allan/Geograph

Tha NHS na Gàidhealtachd ag ath-thòiseachadh pròiseas airson roghainnean a lorg gus seirbheisean slàinte agus cùraim shòisealta ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich a chur air bun-stèidh sheasmhaich.

Tha an sgrùdadh ga dhèanamh an dèidh mholaidhean a chaidh fhoillseachadh ann an aithisg Sir Lewis Ritchie ann an 2018, a choimhead air na h-uimhir de chuspairean leithid seirbheisean meadaigeach taobh a-muigh uairean àbhaisteach, agus cleachdadh is stèidheachadh leapannan do dh'euslaintich anns na h-ospadail.

Chaidh maill a chur air a' phròiseas na bu thràithe den bhliadhna ri linn pandemic a' Choròna-bhìorais, ach tha dùil a-niste gun tòisich e às ùr le sreath de thachartasan air-loidhne an ath-mhìos.

'S e fear de na rudan air am beachdaichear mar a ghabh NHS na Gàidhealtachd sealbh o chionn ghoirid air dachaigh-cùraim Home Farm ann am Port Rìgh.