Stailc air fàire do HIAL?

Published

Bhòtaidh luchd-iùil nam plèanaichean mu dhol air stailc mu phlanaichean HIAL gus obair iùil a thoirt còmhla ann an aon ionad ann an Inbhir Nis.

Ma bhòtas iad air a shon, bidh iomairt obrach ann bhon 4mh là den Fhaoilleach 2021 le stailcean fa leth aon là às dèidh sin.

Thuirt an t-aonadh Prospect gu bheil buill a' bhòtadh is iad den bheachd gun toireadh planaichean HIAL fìor dhroch bhuaidh air coimhearsnachdan, sàbhailteachd agus an eaconomaidh.

Obraichean

Tha iad ag ràdh cuideachd gun cailleadh daoine an obraichean bho nach bi iad deònach gluasad.

Thuirt Dàibhidh Avery bho Phospect: "Chan eil buill Phospect airson seo a dhèanamh ach chan eil roghainn aca bho nach seall HIAL ris an fhianais an aghaidh an cuid phlanaichean."

Bha e cuideachd ag ràdh ma bhios iomairt obrach ann nach toir e buaidh sam bith air seirbheisean èiginneach.

Rèiteacheadh neo-eisimeileach

Thuirt Àrd Stiùiriche HIAL, Inglis Lyon, gun do sgrìobh HIAL gu Prospect a' moladh rèiteacheadh neo-eisimeileach agus gu bheil an t-aonadh air aontachadh sin a dhèanamh.

Bha e ag ràdh gun adhbharaicheadh iomairt obrach mì-chinnt agus mì-thoileachas do choimhearsnachdan, luchd-obrach agus luchd-cleachdaidh agus gu bheil iad airson sin a sheachnadh.

Cuideachd, thuirt e gun robh HIAL ag ràdh bho thùs nach cailleadh duine an cosnadh air sgàth nam planaichean seo.