BBC Naidheachdan

Buaireadh mu chòraichean iasgaich ann an Canada

Published
image copyrightReuters

Tha deasbad a' sìor leantainn ann an Canada mu chòraichean iasgach nam Mi'kmaw agus tùsanaich eile.

Bho chionn còrr is seachdain, cheannaich buidheann bho dhà choimhearsnachd Mi'kmaw dàrna leth companaidh mhòr Clearwater Seafoods ann an Alba Nuadh.

Thuirt ceannard fear de na coimhearsnachdan sin, Terry Paul, gur e ceum eachdraidheil a th' ann às an tig dìleab mhaireannach dha coimhearsnachdan Mi'kmaw.

Ach tha iasgairean coimearsalta air cur an aghaidh an aonta, is e a' tighinn aig àm nuair a tha buaireadh ag èirigh mu chòraichean nam Mi'kmaw a bhith ag iasgach taobh a-muigh nam mìosan a tha ceadaichte do dh'iasgairean eile.

Thuirt Iain Mac a' Phearsain, a tha air a bhith a' leantainn an deasbaid: "Tha am Mi'kmaw fhèin a' dol air ais chun 18mh linn agus ag ràdh gun deach aonta sìthe agus càirdeis a shoidhnigeadh eadar Crùn Bhreatainn agus iad fhèin anns an robh iad a' gealltainn dhaibh beò-shlàinte a thoirt a-mach às an iasgach dùthchasach a bh' aca roimhe siud.

Donald Marshall Jr

"Bha na còraichean sin ann ged nach deach a' chùis a dhearbhadh uair sam bith - suas chun nan 90an - agus bha duine gu math ainmeil an uair sin - Donald Marshall Jr - fear a bh' anns a' phrìosan agus a chaidh a dhìteadh gu ceàrr agus an uair sin a dh'fhàs gu math ainmeil airson a bhith a' strì airson tuilleadh chòraichean airson an iasgaich a tha seo, agus ann an 1999 chaidh a' chùis a dhearbhadh le Àrd-Chùirt Chanada gun robh còraichean aig na Mi'kmaw anns an aonta a bha siud a' dol air ais chun an 18mh linn gus beò-shlàinte reusanta a thoirt a-mach às an iasgach aca fhèin taobh a-muigh an dà mhìos a bha ceadaichte dha iasgairean eile a bhith ag iasgach ghiomach.

"Canaidh na h-iasgairean coimearsalta gun dèan iad cron air stoc an èisg - stoc a' ghiomaich - agus gu bheil iad cuideachd ga dhèanamh taobh a-muigh an t-seusain.

"Agus cuimnicheamaid gun do thòisich seo anns an t-Sultain, agus anns an t-Sultain tha an seusan seachad airson a' ghiomaich do dh'iasgairean eile ann an Canada - ach bha na h-iasgairean Mi'kmaw a' dol a-mach anns na h-uisgeachan mu chuairt air a' chosta agus bha iad ag iasgach mar a thuirt iad fhèin aig ìre airson beò-shlàinte reusanta a dhèanamh a-mach à iasgach a' ghiomaich agus chaidh an ceòl air feadh na fìdhle air sàilleabh 's gun robh na h-iasgairean coimearsalta a' canail nach robh seo ceart agus a-rithist ceist an stuic."

Fòirneart

Thàinig an deasbad gu buil air a' mhìos a chaidh le fòirneart.

"Chaidh làraidh a chur na theine, chaidh an uair sin stòras mòr ghiomach a chur na theine leis na h-iasgairean coimearsalta agus cuideachd nuair a bha na Mi'kmaw fhèin a' cur nam bàtaichean aca a-mach gu muir, bha an t-uabhas de sheallaidhean mì-chiatach ri fhaicinn air an telebhisean ann an Canada far an robh iasgairean coimearsalta a' dol mun cuairt orra anns na bàtaichean aca fhèin agus a' bagairt orra sgur dhan iasgach.

"Nise, cuimhnicheamaid gu bheil na Mi'kmaw ag ràdh gu bheil na còraichean aca-san stèidhichte anns na h-aontaidhean sìthe agus mar gum biodh ann an ainm a' chrùin ann an Canada, ach a bharrachd air an sin, tha iad a-nis air a dhol a-steach a gheama gu math nas motha.

"Tha Clearwater - tha na h-uisgeachan mòra aca-san taobh a-muigh nan sgìrean mu chuairt air a' chosta agus sin agad far a bheil pailteas ghiomach agus a-nis, mar a thuirt aon duine ann an Ceap Breatainn a tha na cheannard air Mi'kmaw, tha sinn a-nis a' cluiche anns a' gheama mhòr agus tha làmh againn ann a-nise."