"Reset" a dhìth air sealbh fearainn an Alba

Published

Tha Fearann Coimhearsnachd na h-Alba a' foillseachadh manifesto Diardaoin ag iarraidh air na pàrtaidhean a' bhios a' seasamh ann an taghadh na Pàrlamaid Albannaich an ath-bhliadhna achd ùr Pàrlamaid a stèidheachadh 'son barrachd fearainn a chur ann an làmhan choimhearsnachdan.

Tha iad cuideachd ag iarraidh bacadh air cus fearainn a bhith aig aon duine no aon bhuidhinn, agus cumhachd fearann a thoirt bho uachdaran nach eil ga chleachadh a chum maith a' phobaill.

"Tha fhios againn an-dràsta gu bheil trioblaid againn le monopolaidhean fearainn ann an Alba," thuirt an Stiùiriche Poileasaidh aig Fearann Coimhearsnachd na h-Alba, an Dr. Calum MacLeòid.

"Tha sinn ag ràdh, le sin, gum bu chòir dhuinn measadh maith a' phobaill fhaighinn airson luchd-ceannaich phrìobhaidich air oighreachdan mòran.

Gnothach Structarail

"Tha sinn ag ràdh gum bu chòir dhuinn achd ath-leasachaidh fearainn ùr fhaighinn anns an ath-Phàrlamaid, agus gum bu chòir measadh maith a' phobaill a bhith am meadhan sin.

"Tha sinne a' moladh gum bu chòir am fearann agus ath-leasachadh fearainn, agus sealbh air fearann 's dè thathas a' dèanamh leis a bhith am meadhan nan ceistean sin.

"S e seòrsa de ghnothach structarail a th' ann, mu dheidhinn rudan a tha ceàrr le monopolaidhean seilbh, agus dìreach teansa fhaighinn airson choimhearsnachdan a bhith a' dèanamh rudan a tha feumail dhaibh fhèin.

"Feumaidh sinn rudan a dhèanamh, le lagh, le taic ionmhasail agus rudan eile airson cothrom a thoirt do choimhearsnachdan rudan a dhèanamh gach cuid airson àiteachan sna bailtean agus air an tuath ann an Alba. Nàdar de "reset" a dhèanamh air an dàimh a tha sin.

"Tha fhios againn gu bheil na coimhearsnachdan ann an Alba ag iarraidh àiteachan a tha maireannach dhaibh fhèin, far a bheil teansaichean aca rudan a dhèanamh a bheir buannachd dhaibh fhèin.

"Agus mar sin tha am manifesto seo againn, o chionn 's gu bheil e a' ceangal suas tòrr rudan far a bheil fearann na mheadhan.

"Tha fhios againn gu bheil èiginn ann le crìonadh sluaigh ann an sgìrean dùthchail ann an Alba 's gum feum sinn rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn.

"Tha sinn a' moladh gum bu chòir gum bi dleastanas aig ùghdarrasan poblach a tha an urra ri sgìrean dùthchail ro-innleachdan a bhith aca airson an sluagh fhàs.

"Tha fios againn gu bheil èiginn ann a thaobh taigheadais aig prìs reusanta cuideachd ann an àiteachan dùthchail.

"Ceannach luxury"

"'S mar sin tha sinn ag ràdh gum bu chòir smachdan a bhith ann airson 's gum bi margaidh an taigheadais a chum buannachd nan coimhearsnachdan fhèin," thuirt e.

"Nuair a thàinig Achd Ath-leasachaidh an Fhearainn (2003) a-steach ann am Pàrlamaid na h-Alba, bha duilleag aghaidh an Daily Mail le dealbh de Raibeart Mugabe, 's an ceann-naidheachd "Let the land-grabs begin".

"Cha do thachair sin.

"Cha bhi "land-grabs" sam bith ann.

"An rud a bhios ann, 's e seòrsa de dhòighean fada nas cothromaiche agus fada nas maireannaiche airson a bhith a' smaoineachadh mu na tha sinn a' dèanamh le fearann, agus carson a tha sinn ga dhèanamh.

"An-dràsta tha fios againn, airson a' chuid as motha de na daoine a tha a' ceannach oighreachdan mòra, 's e dìreach ceannach luxury a th' ann, coltach ri iacht mòr no Lamborghini.

"'Son choimhearsnachdan chan e ceannach luxury a th' ann idir.

"'S e dìreach dòigh a th' ann airson a' bheatha aca fhèin a dhèanamh fada nas fheàrr.

"Feumaidh sinn reset a dhèanamh, 's a bhith a' smaoineachadh air fearann mar mhaoin airson a h-uile duine ann an Alba, an àite a bhith na chommodity do bheag-chuid le pocaidean domhain làn airgid gu leòr airson sin a dhèanamh," thuirt e.