Fiosrachadh 284 euslainteach ga sgaoileadh
- Air fhoillseachadh
Tha Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil iad a' rannsachadh mar a chaidh fiosrachadh mu cha mhòr 300 euslainteach a chur gu buill den phoball.
Tha an t-ùghdarras slàinte ag ràdh gu bheil iad air brath a chur gu na h-euslaintich air fad agus tha iad air aithris mun chùis a chur gu Coimiseanair an Fhiosrachaidh.
Dhearbh NHS na Gàidhealtachd gun deach fiosrachadh bho liosta de dh'euslaintich a chur gu 31 duine.
Am measg an fhiosrachaidh, bha là am breith agus mar a b'urrainnear grèim fhaighinn orra.
Bha 284 ainm air an liosta.
Thuirt am bòrd slàinte nach robh fiosrachadh meadaigeach sam bith ann a thuilleadh air ainm na clionaig.
Chuir am bòrd slàinte fhèin fios gu Coimiseanair an Fhiosrachaidh agus tha sgrùadh air tòiseachadh.
Thabhainn iad leisgeul cuideachd air na h-euslaintich air fad.
Tha seo a' tighinn an dèidh mar a chaidh na seòlaidhean puist-d aig cha mhòr 40 euslainteach air a bheil HIV fhoillseachadh le mearachd an-uiridh.