Beachdan Sgitheanach gan iarraidh mu chor na Gàidhlig

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Dave Fergusson/Geograph

Gheibh muinntir an Eilein Sgitheanaich cothrom an ath-sheachdain am beachdan a chur air adhart air staid na Gàidhlig san sgìre.

Tha seo mar phàirt de shreath de choinneamhan a chaidh a chur air dòigh ri linn rabhaidhean a nochd anns an leabhar 'The Gaelic Crisis in the Vernacular Community'.

Bidh BPA na sgìre, Ceit Fhoirbeis, air a' phanal còmhla ris a' Chomh. Calum Rothach, is an Dtr. Mìcheal Foxley, a bha uair na fhear-gairm air Comhairle na Gàidhealtachd.

Chaidh beachdan mhuinntir nan Eilean Siar iarraidh air a' chuspair seo toiseach na Samhna ann an sreath de choinneamhan air-loidhne.

Comhairle na Gàidhealtachd

"Chaidh a' choinneamh seo a chur air bhonn bho chionn beagan làithean, agus tha sinn ag amas air beachdan mhuinntir an Eilein Sgitheanaich is Ratharsair fhaighinn mu chor na Gàidhlig anns na sgìrean aca fhèin," thuirt an Comh. Rothach, a tha na Chathraiche air Comataidh na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd.

"Tha an rannsachadh aig Soillse ag innse nach eil ùine ri chosg - feumaidh sinn dèiligeadh ris an t-suidheachadh sa bhad.

"'S mar sin tha mi an dòchas gu bheil seo a' dol a bhith a' toirt cothrom dhuinn dìreach gluasad às an seo agus rudan a chur an-sàs a nì feum dha na coimhearsnachdan agus a chumas a' Ghàidhlig mar chànan coimhearsnachd anns na coimhearsnachdan far a bheil i fhathast làidir," thuirt e.

Tha an Comh. Rothach ag aithneachadh gu bheil dleastanasan air Comhairle na Gàidhealtachd leis cho èiginneach 's a tha suidheachadh na Gàidhlig anns na coimhearsnachdan seo.

"Tha pàirt mhòr aig Comhairle na Gàidhealtachd an seo, agus feumaidh a' Chomhairle feart a thoirt air na feumalachdan," thuirt e.

"Tha mi an dòchas gum bi sinn ann an suidheachadh far am faod sinn taic a thoirt do na coimhearsnachdan seo."