Dragh aig tuath mu mhì-chinnt Bhrexit

Published
image copyrightGetty Images

Nochd ceannardan Comhairle na Gàidhealtachd dragh mun mhì-chinnt a tha a' leantainn a thaobh Bhrexit, agus an ùine a' ruith air an Rìoghachd Aonaichte agus an EU tighinn gu aonta.

Chuala Buidheann-gnìomha Bhrexit na Comhairle Diluain gu bheil e gu math doirbh do ghnothachasan agus don roinn phoblaich ullachadh a dhèanamh, agus fiosrachadh - leithid co-dhiù bi aonta ann gus nach bi - fhathast a dhìth.

"Tha a' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan air buannachd mhòr fhaighinn o bhith nar pàirt den Aonadh Eòrpach," thuirt cathraiche na buidhne-gnìomha, an Comh. Jimmy Gray.

"Thàinig adhartas agus atharrachadh mòr air an sgìre thar an 30 bliadhna mu dheireadh.

"'S e Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean dìreach aon de na buannachdan a thàinig.

"Ach tha roinnean eile cuideachd far an do chleachd sinn am maoineachadh Eòrpach gus ar beatha san fharsainneachd a dhèanamh nas fheàrr.

"Feumaidh sinn maoineachadh a bhith ri fhaighinn dhuinn ach an obraich sinn a dh'ionnsaigh a bhith ullaichte mu choinneimh an ama ri teachd.

"Bidh Maoin Soirbheachais Co-roinnte na RA air leth cudromach dhuinn.

"Chan urrainn dhomh cus cuideam a chur air cho cudromach 's a tha e dhuinn."