Giomaich choimheach nan cunnart
- Published
Dh'fhaodadh giomaich Aimeireaganach, air a bheil tinneas coltach ris a' ghalar roilleach, giomaich Albannach a chur ann an cunnart.
Nochd rabhadh gum faodadh iad stocan nan giomach dùthchasach a sgrios air costaichean an ear agus an iar na h-Alba.
Thuirt Riaghaltas na h-Alba nach eil giomaich Aimeireaganach cho cumanta ri sin an Alba, ach gum bu chòir do dh'iasgairean a chì iad fios a chur gu Buidheann Mara na h-Alba.
Thuirt Alasdair Mac na Ceàrdaich bho Chaidreachas Iasgairean Clèibh na h-Alba gum faodadh giomaich Aireireaganach an cosnadh aig iasgairean Albannach a chur ann an cunnart.
Bha e ag ràdh gun toireadh sin fìor dhroch bhuaidh air coimhearsnachdan.