BBC Naidheachdan

Seirbheis mheadaigeach oidhche a' stad am Barraigh

Published

Tha Ionad Meadaigeach Bharraigh air co-dhùnadh an t-seirbheis mheadaigeach aca ann an Ospadal Naomh Brìanan agus an t-seirbheis dhotair-teagalaich taobh a-muigh uairean àbhaisteach a stad bho 1mh Giblean seo tighinn.

Cha bhi atharrachadh ann an seirbheis nan dotairean-teaghlaich tron là.

Bidh aig NHS nan Eilean Siar a-nis ri dòighean eile a lorg airson seirbheis mheadaigeach fhaighinn san ospadal agus taobh a-muigh uairean àbhaisteach ann am Barraigh agus Bhatarsaigh.

Thuirt NHS nan Eilean Siar gu bheil iad a' faicinn seo mar chothrom ath-dhealbhachadh a dhèanamh air an t-seirbheis aca.

Gheall iad do mhuinntir an àite gun lean seirbheisean sàbhailte agus èifeachdach san eadraigin.

"Fhad 's nach eil an t-seirbheis do mhuinntir Bharraigh is Bhatarsaigh ag atharrachadh san fharsainneachd, 's ann air mar as èifeachdaiche a lìbhrigear an t-seirbheis sin a tha ar n-aire," thuirt Stiùiriche Meadaigeach NHS nan Eilean Siar, an Dr Frank MacAmhlaigh.