BBC Naidheachdan

Ceòl beò a' tilleadh an Inbhir Nis

Published

Tha cuirm chiùil a-staigh a' tilleadh chun na Gàidhealtachd air an deireadh-sheachdain 'son a' chiad turas bhon ghlasadh sluaigh.

Cluichidh an còmhlan Torridon san Ironworks ann an Inbhir Nis oidhche Shathairne is 98 duine gus a bhith an làthair.

Fo riaghailtean a' Choròna-bhìorais aig Riaghaltas na h-Alba, faodaidh cuirmean a dhol air adhart ann an sgìrean ann an Ìre 1 ma thèid na riaghailtean iomchaidh a leantainn.

Nam measg, chan urrainn còrr is 100 duine a bhith an làthair is iad uile nan suidhe, is astarachadh-sòisealta ga chur an sàs.

Feumaidh ticeadan a bhith air an ceannach ro-làimh is tha siostam aona-shligheach ann dhan fheadhainn a bhios an làthair.

"An àbhaist ùr"

Feumaidh iad cuideachd masgaichean a chur orra nuair a tha iad a' tighinn is a' falbh.

Thuirt stìuiriche an Ironworks, Caroline Chaimbeul, gu bheil iad air an dòigh a bhith a' fosgladh às ùr.

"'S e oidhche mhòr a bhios ann agus tha sinn dìreach cho toilichte gu bheil ceòl beò gus a bhith againn a-rithist.

"Tha e gus a bhith diofraichte ach 's e 'an àbhaist ùr' a th' againn air", thuirt i.

Chaidh na ticeadan airson Torridon oidhche Shathairne uile a reic mar-thà.