BBC Naidheachdan

Ceist mu bhàta-teasairginn an t-Òib

Published

Nochd ceist mu stèisean bhàta-teasargainn an t-Òib anns na Hearadh agus dh'fhaodadh gun tèid a dhùnadh an ath-mhìos.

Tha an RNLI an sàs ann an co-chomhairle mu na tha an dàn dhan stèisean is draghan aca mu dè cho èifeachdach 's a tha e agus dè cho seasmhach 's a tha an àireamh de chriutha.

Tha meur ionadail an RNLI a' sabaid airson an stèisean a shàbhaladh is mì-thoileachas san sgìre mun dòigh sa bheileas a' làimhseachadh na co-chomhairle.

Tha stèisean an t-Òib air a bhith dùinte fad bliadhna air sgàth thrioblaidean le criutha fhaighinn agus staing Chovid-19.

Thòisich am bàta sa chiad dol a-mach ann an 2012 às dèidh iomairt làidir bho mhuinntir an àite 'son na seirbheis.

Tha a' choimhearsnachd ionadail a' togail mu £25,000 dhan RNLI gach bliadhna.

Dh'aontaich an RNLI an toiseach bàta a chur dhan sgìre mar sgeama dearbhaidh a mhaireadh co-dhiù bliadhna, ach gun fiù 's bliadhna air a dhol seachad dh'aontaich iad gum fuiricheadh am bàta san t-Òb làn-ùine.

Duilgheadasan

Cha robh an t-seirbheis gun trioblaid bhon uairsin ge-tà.

Nochd e ron seo gun robh duilgheadas aca criutha fhaighinn agus gainnead dhaoine air maill a chur orra.

Thathas a' tuigsinn gu bheil an àireamh de chriutha air tuiteam bho mu 20 gu 12, is duilgheadas ann gu h-àraidh mu dhreuchd a' choxswain.

Eadar na trioblaidean a thaobh criutha agus staing a' Choròna-bhìorais, tha stèisean an t-Òib air a bhith dùinte bhon t-Samhain 2019.

Thuirt an RNLI gu bheil spèis mhòr aca dhan oidhirp a tha a' choimhearsnachd air dèanamh, ach gum feum iad coimhead air na dùbhlain a tha mun coinneimh a thaobh criutha seasmhach a chur air dòigh.

Dh'innis a' bhuidheann gu bheil iad fhèin air oidhirp mhòr a dhèanamh cuideachadh a thoirt seachad, ach "gu mì-fhortanach chan eil sin air piseach a thoirt air an t-suidheachadh".

Thuirt iad gu bheil rannsachadh a' sealltainn gu bheil an sluagh ionadail a' crìonadh agus a' fàs nas sine, is gu bheil sin a' cur uallaich air an luchd-obrach saor-thoileach aca san sgìre.

Ceistean

Feumaidh iad a bhith cinnnteach, thuirt iad, gun gabh criutha seasmhach fhaighinn an-dràsta agus anns an àm ri teachd.

Tha iad ag ràdh cuideachd gun deach bàta an t-Òib a ghairm a-mach 97 tursan bho thòisich e is gu bheil e air 86 duine a chuideachadh, ach nach deach clàradh gun deach beatha duine a shàbhaladh.

Tha ceist sa choimhearsnachd ge-tà, mun cho-chomhairle a tha a' dol air adhart.

Thuirt feadhainn sa choimhearsnachd gu bheil figearan an stèisein coltach ri iomadh stèisean eile air feadh na rìoghachd. Thog cuid ceist cuideachd mun taic a tha iad a' faighinn bhon RNLI gu nàiseanta.

Thathas a' tuigsinn cuideachd nach deach obair làn-ùine airson coxswain a stèidheachadh mar a chaidh gealltainn.

Tha faireachdainn sa choimhearsnachd gun tàinig an naidheachd mun cho-chomhairle mar bhuille mhòir dhaibh ris nach robh dùil.

Thèid co-dhùnadh a dhèanamh mu stèisean an t-Òib san Dùbhlachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

  • Tuilleadh criutha a dhìth san t-Òb

  • Bàta-teasairginn an t-Òib