BBC Naidheachdan

A' dìon Lìonagaidh

Published
image copyrightGordon Hatton/Geograph
image captionTha cladh Bhràgair, Lìonagaidh, air a bhith ann gu math fada.

Chaidh mòran de chladhan nan Eilean Siar a shuidheachadh air talamh faisg air a' mhuir - talamh a tha nas fhasa a chladhach agus obrachadh.

Ach tha sin a' fàgail gu bheil mòran àiteachan tìodhlaigidh ann an cunnart agus a' mhuir a' sìor chnàmh a' chladaich.

Tha muinntir Bhràgair ann an Leòdhas san t-suidheachadh sin agus tha iad airson obair a dhèanamh a chuireas dìon air uaighean an sinnsearan.

"Chan urrainn dhut stad a chur air a' mhuir - ach dè an còrr a tha sinn a' dol a dhèanamh?" thuirt ionmhasair a' chladh, Anna Nic a' Ghobhainn.

Rathad

"Chan urrainn dhut an cladh a shioftadh, ach chan urrainn dhut leigeil leis tuiteam dhan mhuir.

"'S e rud duilich a th' ann.

"Tha am muir a' tighinn a-steach gu mòr a h-uile bliadhna.

"Chan eil sinn fhathast ach aig toiseach a' Gheamhraidh seo, agus ma bhios tòrr ghèiltean ann tha feagal mòr oirnn gu bheil a' bhruach a' dol a thuiteam dhan mhuir. Am bruach a tha a' cumail an-àirde an rathaid dhan chladh," thuirt i.

Tha an rathad sin a' ruith air iomall na machrach, dìreach os cionn na cladaich.

"Chì thu le bhith a' coimhead sìos dhan tràigh mar a tha e a' dol a-steach fon leac choncrait a tha sin," thuirt Murchadh MacIllEathain, a th' air comataidh a' chladh.

"Tha e ga ithe fon sin a h-uile bliadhna, agus chaidh clachan mòra a thiùrradh timcheall air an leac seamant a bha sin bho chionn timcheall air dusan bliadhna.

Obair Rannsachaidh

"Bha diogair mòr shìos anns an tràigh a' brùthadh chlachan suas ris an leac seamant airson feuchainn ri dìon a chumail air. Chan aithnich thu an-diugh gun robh iad idir ann! Tha am muir air falbh leotha fèar mar gum b' e clachan beaga rathaid a bh' ann.

"Feumaidh iad rudeigin a dhèanamh, airson feuchainn ri dìon a chur air na ballaichean sin, bhon ma dh'fhalbhas a' bhruach a tha siud falbhaidh an gàrradh beag a tha os cionn sin.

"Tha gàrradh air a thogail aig oir a' bhàigh 'son dìon a chumail air an talamh os a chionn 's ma dh'fhalbhas a' bhruach a tha shìos fodha, falbhaidh an gàrradh sin, falbhaidh an rathad, agus an uair sin falbhaidh gàrradh a' chladh, 's chan eil duine ag iarraidh sin tachairt," thuirt e.

Tha fios aig a' chomataidh nach gabh stad a chur air a' mhuir, ach gabhaidh stad a chur air a' chron a tha neart na mara a' dèanamh.

Fhuair an t-uachdaran coimhearsnachd, Urras Bharabhais, £5,000 airson obair rannsachaidh a dhèanamh air an dòigh as fheàrr càradh a dhèanamh.

Tha dòchas aig muinntir na sgìre, leis an obair a tha sin, gun gabh uaighean an sinnsearan a ghlèidheadh, 's gum bi àite tiodhlagaidh sàbhailte ann dha na ginealaichean ri thighinn.