BBC Naidheachdan

Triùir gan sireadh dhan Bhòrd

Published

Tha Bòrd na Gàidhlig a' sireadh triùir airson dreuchdan mar bhuill air a' Bhòrd-stiùiridh aca.

Am measg eile, tha am bòrd a' lorg dhaoine aig a bheil eòlas agus ùidh ann a bhith a' dèanamh cinnteach gum bi a' Ghàidhlig maireannach san àm ri teachd anns gach coimhearsnachd, a thuilleadh air air-loidhne.

Dh'fhàg ceathrar bhall am Bòrd an-uiridh.

"Anns a' chiad àite dh'fheumadh iad a bhith gu math comasach ann a bhith a' bruidhinn agus a' leughadh agus a' sgrìobhadh sa Ghàidhlig, agus ag aithris mar sin," thuirt Cathraiche Bhòrd-Stiùiridh a' Bhùird, Màiri NicAonghais.

"A thaobh 's gu bheil obair a' Bhùird ga dhèanamh gu beagnaidh ann an Gàidhlig, agus mar sin dh'fheumadh daoine a bhith gu math fileanta.

"Tha cuideachd, am Bòrd a' gluasad agus ga leasachadh fhèin fad na h-ùine, agus tha sinn feumach air daoine aig a bheil eòlas ann a bhith a' leasachadh na buidhne fhèin, a thaobh luchd-obrach 's a thaobh dhòighean riaghlaidh, agus a thaobh stiùiridh, a thaobh plana leasachaidh, straiteidsidh, eòlas air ionmhas, agus na cuspairean cudromach a tha sin," thuirt i.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

  • Grunn dhaoine a' fàgail Bhòrd na Gàidhlig