BBC Naidheachdan

Polybox ga cheannach

Published

Tha factaraidh ann an Steòrnabhagh a bhios a' dèanamh stuthan a tha gan cleachdadh ann an tuathanasan-èisg fo shealbh ùr.

Ghabh a' chompaniadh Moulded Foams thairis ionad Polybox, air raon-gnìomhachais Marybank.

'S e Moulded Foams tè de na companaidhean as motha a tha a' dèanamh stuth den leithid ann am Breatainn.

Thuirt a' chompanaidh gu bheil iad mar thà air airgead a chur an sàs ann an uidheamachd ùir aig an làraich, 's gu bheil iad ag amas air leudachadh a thoirt air na ghabhas dèanamh ann.