BBC Naidheachdan

Còmhraidhean chumhachd gan cumail

Published

Tha còmhradh eadar buidhnean coimhearsnachd agus a' chompanaidh dealain SSE 'son cothrom a thoirt do choimhearsnachdann aig a bheil crainn-ghaoithe tuilleadh chumhachd a chruthachadh fhad 's a tha an càball eadar Tìr-Mòr agus Leòdhas is na Hearadh briste.

An-dràsta chan eil SSE a' toirt dhaibh ach cead 'son beagan dealain a dhèanamh.

Tha Urras Oighreachd Ghabhsainn, dham buin Galson Energy, am measg na tha an sàs anns na còmhraidhean.

Tha mar nach eil iad air chothrom dealan a chruthachadh a' bualadh air a' chompanaidh, leis gu bheil iasadan aca ri phàigheadh air ais.

Taic

"Tha sin air a h-uile companaidh bheag a tha a' cruthachadh dealain, agus chan eil Gabhsann ao-coltach ri sin," thuirt cathraiche an Urrais, Agnes Rennie.

"Chan ann air an Urras a tha an t-uallach sin gu fortannach, 's ann air a' chompanaidh a chuir sinn air chois a dh'aona-ghnothach airson a bhith a' cruthachadh an dealain - Galson Energy Eta," thuirt i.

'S ann bhon chompanaidh sin, a tha leis an Urras, a tha an t-Urras a' faighinn an airgid.

"Ann am bliadhna àbhaistich, bhiodh sinn a' coimhead ri, aig a' char as lugha, £250,000 a' tighinn," thuirt a' Bh-Ph. Rennie.

"Tha e gu math coltach, gu math cinnteach a-nise, air a' bhliadhna a tha romhainn nach eil sinn a' dol a dh'fhaighinn sin - 's nach eil fhios gu bheil sin a' dol a thoirt buaidh?

"Tha sinne fortannach nach eil sinn air ar ceangal fhèin a-steach le gealltanasan thairis air aon bhliadhna.

"Ach a dh'aindeoin sin, tha an t-Urras air a bhith a' toirt taic tron sgeama taice againn, do bhuidhnean air feadh na sgìre.

"Agus aig amannan cuideachd buidhnean samhail Bethesda agus Crossroads Care, aig a bheil uallach air feadh nan Eileanan.

"Tha sinn air stad a chur air pàigheadh a-mach.

"Chan eil sinn ag ràdh nach eil sinn a' gabhail iarrtasan, ach le bhith ciallach is faiceallach chan eil sinn a' cur càil troimhe an-dràsta gus am bi fios againn dè an suidheachadh a tha romhainn.

Cead

"Tha sinn fortannach gu bheil sinn ann an suidheachadh far a bheil an fheadhainn a tha a' coimhead às dèidh seo air dèanamh cinnteach gu bheil maoin againn a chumas sinn a' dol mar chompanaidh airson na bliadhna a tha romhainn.

"Ach feumaidh sinn a bhith gu math faiceallach.

"Aig an ìre seo tha SSE air cead a thoirt dhuinn ìre gu math beag de chumhachd a chruthachadh.

"Chan eil sin a' toirt a-steach maoin sam bith as fhiach bruidhinn air, a tuilleadh air gu bheil e a' cumail nan crann-gaoithe fhèin a' cur nan car - 's tha sin fhèin cudromach.

"Ach tha sinne a' coimhead an-dràsta ach a bheil dòigh idir ann a b' urrainn dha na buidhnean anns a' choimhearsnachd - Gabhsann nam measg - barrachd dealain a chruthachadh.

"Bu mhath leinn gu math mòr gum faigheadh sinn air an còmhradh a thoirt air adhart gus an gabhadh an ìre chumhachd àrdachadh na h-uimhir, agus gum b' urrainn dhuinn cuideachd coimhead gun cuidicheadh sin le gearradh sìos air an ìre de diesel a thathas a' cosg an-dràsta (san stèisean chumhachd ann an Steòrnabhagh fhad 's tha an càball briste) 's gun fhios de an gannrachadh a tha sin a' dèanamh," thuirt i.