Luaidh air Dòmhnall Iain MacIllinnein
- Published
Tha luaidh ga dhèanamh air Dòmhnall Iain MacIllinnein a bha iomadh bliadhna na bheat anns an Eilean Sgitheanach agus air Taobh Siar Rois.
Chaochail e oidhche Chiadain aig aois 92 às dèidh a bhith tinn airson greis.
Is tric a bha e air prògraman BBC Radio nan Gàidheal tro na bliadhnaichean a' toirt a bheachd air cùisean a thaobh bheathaichean.
'S ann ann an Greòsabhagh às na Hearadh a rugadh Dòmhnall Iain ann an 1928.
Ceum
Chaidh e dhan sgoil anns na Hearadh agus an uairsin dhan àrd-sgoil anns a' Ghearasdan.
Às an sin chaidh e a Dhùn Èideann far an tug e a-mach ceum mar bheat aig Oilthigh Dhùn Èideann.
Às dèidh beagan bhliadhnaichean ag obair ann an Siorrachd Àir ghluais e dhan Eilean Sgitheanach ann an 1957 far an do chuir e seachad an còrr de a bheatha.
'S e Hearach a bh' ann ach bha e cuideachd fìor mheasail air an Eilean Sgitheanach agus air muinntir na sgìre agus bha iadsan a cheart cho measail airsan.
Taic
Is iomadh croitear a fhuair taic agus cuideachadh bho Dhòmhnaill Iain thairis air na bliadhnaichean, agus tha deagh chuimhne air sa choimhearsnachd, chan ann a-mhàin mar bheat, ach mar fhear a bha cuideachail is dàimheil.
Bha tòrr sgeulachdan aige leis gun robh e a' coinneachadh ri na h-uiread de dhaoine agus bha e cho math air na sgeulachdan sin innse.
Bha Hamish Friseal eòlach air bho chionn bhliadhnaichean mòra.
"Cha robh dragh sam bith air aig uair sam bith, tighinn a-mach 's cha robh e gu diofar càite an robh duine, ged a bhiodh iad ann an Gleann Eilg no thall ann an Ealaghol no Tarscabhaig, ge b' i dè an t-àm den là, thigeadh Dòmhnall Iain a-mach.
"Bha an-còmhnaidh còmhradh math a' dol còmhla ris agus bhiodh e an-còmhnaidh a' dèanamh na b' urrainn dhà airson beathach a bha tinn.
"'S e duine gu math onarach a bh' ann an Dòmhnall Iain agus bha tìde aig a h-uile duine air a shon, 's bha mòran stòiridhean aige ... bha e na dheagh charaid dhan a h-uile duine a bha eòlach air", thuirt Mgr Friseal.
Spèis
Bha e foilleasach gun robh spèis dha am measg an t-sluaigh agus choisinn Dòmhnall Iain an MBE ann an 1982 airson seirbheisean dhan choimhearsnachd sin.
Thugadh iomradh air cuideachd anns na leabhraichean a' sgrìobh Gavin Maxwell mu dheidhinn a bhith a' cumail dhòbhran mar pheataichean, rud a rinn e, le beagan cuideachaidh bho Dhòmhnaill Iain.
Ged a sguir Dòmhnall Iain a dh'obair mar bheat ann an 1995, chùm e e fhèin gu math trang air a' chroit agus anns a' choimhearsnachd suas gu na bliadhnaichean mu dheireadh.
Chaochail e oidhche Chiadain aig aois 92.
Bha triùir chloinne agus ceathrar oghaichean aige.