BBC Naidheachdan

Dh'ainmicheadh fear a dh'eug ann an tubaist air an A82

Published

Dh'ainmich na poilis fireannach a chaill a bheatha ann an tubaist eadar dà charbad air an A82.

B' e Iain Ùisdean MacCoinnich, 66, às a' Ghearasdan a bha leis fhèin ann an càr a bhuail ann an làraidh Diluain.

Thachair an tubaist mu 17:25 faisg air Gleann Glaoidh, tuath air Drochaid an Aonachain.

Tha Poileas Alba airson bruidhinn ri daoine a chunnaic an tubaist anns an robh Citroen Berlingo uaine agus làraidh Volvo an sàs.

Cha deach dràibhear na làraidh a ghoirteachadh.