BBC Naidheachdan

Luchd-obrach agus clann Bun-sgoil Pholl Iù fo chuarantain Covid

Published
image copyrightGeograph
image captionPoll Iù

Dhearbh Comhairle na Gàidhealtachd gun deach iarraidh air luchd-obrach agus sgoilearan Bun-sgoil Pholl Iù iad fhèin a chumail fa leth fad 14 là leis gum faodadh gu robh iad faisg air cuideigin air a bheil Covid-19.

Chaidh litrichean a chur gu pàrantan agus daoine eile sa choimhearsnachd le ceangal ris an sgoil.

Thuirt neach-labhairt na comhairle:"Leis gur e sgoil bheag a th' ann am Bun-sgoil Pholl Iù, chaidh comhairleachadh air na sgoilearan agus an luchd-obrach uile fuireach a-staigh airson 14 là leis gu bheil sinn an amharas gur dòcha gu robh iad an cuideachd cuideigin le Covid.

"Mar sin, bidh an sgoil dùinte gu Dimàirt 10mh den t-Samhain."