BBC Naidheachdan

Coltas gu bheil sgapadh Chovid an Uibhist seachad

Published

Tha NHS nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil iad den bheachd gu bheil an sgapadh de Chovid-19 ann an Uibhist a Deas, Èirisgeidh agus Beinn na Faoghla a-nis seachad leis nach deach cùis ùr a chlàradh ann an 14 là.

'S e a' chiad sgapadh mòr sna h-Eileanan an Iar le còrr agus 50 duine dearbhte leis a' ghalar, agus chaidh iarraidh air 280 duine iad fhèin a chumail fa leth leis gu robh iad faisg orrra.

Bhàsaich aon neach-còmhnaidh ann an dachaigh-chùraim an dèidh dearbhaidh gun robh an Coròna-bhìoras orra.

Thuirt am bòrd-slàinte nach robh a' mhòr-chuid de dhaoine air an tàinig an galar ro mheadhanach leis ach gu robh cuid a b'fheudar cobhair meidigeach fhaighinn neo cùram san ospadal.

Furachail agus faiceallach

Tha iad ag iarraidh air muinntir nan Eilean Siar leantainn orra a' cumail ri bacaidhean Chovid-19 a thaobh glainnead agus còmhdaichean aghaidh.

Cha bu chòir, tha iad ag ràdh, a bhith a' tadhal air daoine eile nan dachaighean fhathast, neo a bhith a' siubhal mura bi feum air agus a bhith a' seachnadh a dhol ann an càr còmhla ma ghabhas sin dèanamh.

Tha iad cuideachd ag iarraidh air daoine a dh'fheumas a dhol gu tìr-mòr a bhith nas fhaiceallaiche buileach gun fhios nach tig comharran a' ghalair orra.

Ma tha teagamh sam bith aig daoine idir tha iad a' comhairleachadh gum bu chòir dhaibh fuireach aig an taigh agus deuchainn iarraidh.