BBC Naidheachdan

Bataraidhean cumhachd do na h-Eileanan Siar?

Published
image captionTha Stèisean a' Bhataraidh ann an Steòrnabhagh a' cleachdadh diesel airson dealan a dhèanamh.

Dh'aontaich Ministear na Cumhachd agus nan Eilean, Pòl Wheelhouse, gun dèan Riaghaltas na h-Alba sgrùdadh feuch an gabh bataraidhean cur an sàs a leigeas le dealan a tha sgeamaichean coimhearsnachd sna h-Eileanan Siar a' cruthachadh a bhith air a chur gu feum.

Chan fhaigh tuathan-gaoithe ionadail air an dealan a reic ris a' Ghriod Nàiseanta leis gu bheil an càball mara a bheireadh e air falbh tarsainn a' Chuain Sgìthe briste.

Tha muinntir Leòdhais agus na Hearadh an crochadh a-nis air dealan a tha air a chruthachadh le dìosal aig Stèisean Cumhachd a' Bhataraidh ann an Steòrnabhagh.

A' bruidhinn aig deasbad am Pàrlamaid na h-Alba mun t-slighe air adhart do ghnìomhachas a' chumachd an Alba, thug Ball Làbarach na Gàidhealtachd agus nan Eilean, Rhoda Ghrannd, air an riaghaltas coimhearsnachdan a chur aig cridhe an cuid phlanaichean.

"Chan urrainn do chumhachd ath-nuadhachail a thathar a' cruthachadh air an eilean a chur air falbh. Tha sin a' fàgail gu bheil cumhachd glan ga chaitheamh fhad 's a tha connadh fosail ga chleachdadh airson dealan a dhèanamh.

"Tha sin a' toirt buaidh air companaidhean beaga ionadail a bhios a reic ris a' Ghriod Nàiseanta leis nach eil margaidh aca tuileadh airson an dealain ghlain.

"Leanaidh an iomairt airson càball mara mòran nas motha fhad 's a tha an obair a' dol airson càball ùr a chur ann. Nach dèanadh e ciall gum bi càball ann a bheir barrachd dealain air falbh, agus 's cinnteach gu robh còir plana èiginn nas fheàrr a bhith ann seach stèisean dìosail bhon linn a dh'fhalbh - ach 's e sin a th' againn," thuirt a' BhP. Ghrannd.

A' toirt seachad freagairt an dèidh a h-òraid, thuirt Ministear na Cumhachd agus nan Eilean, Pòl Wheelhous gum beachdaich Riaghaltas na h-Alba air am bi e comasach bataraidhean a chur ann airson 's gun gabh beagan den dealan eileanach a chleadhadh an àite dealain bhon stèisean dìosail.