BBC Naidheachdan

Ìmpidh air Riaghaltas na h-Alba cobhair a dhèanamh air BiFab

Published
image captionChaidh innse do luchd-obrach Àranais nach robh feum orra tuilleadh.

Tha an Seann Phrìomhaire, Gòrdan Brown, ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba co-obrachadh le Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte airson dèanamh cinnteach gum bi a' chompanaidh BiFab buan.

'S ann leis a' chompanaidh a tha Gàradh-togail Àranais ann an Leòdhas air mhàl, agus tha làrach cuideachd aca ann am Fìobha.

Dh' èirich buaireadh leis nach d' fhuair BiFab cùmhnantan obrach airson tuathan-gaoithe aig muir far chosta na h-Alba agus gun deach an obair a thoirt do chompanaidhean cèine.

Bha dùil gum faigheadh BiFab an cùmhnant airson ochd seacaidean stàilinn a thogail do leasachadh Neart na Gaoithe far chladaich Fìobha, ach cha deach aonta a ruighinn fhathast.

An t-seachdain sa chaidh thuirt Riaghaltas na h-Alba nach b' urrainn dhaibh barrantas de £30m a thoirt mar phàirt de thairgse BiFab airson a' chùmhnaint mar a bha iad air gealltainn leis gum briseadh sin riaghailtean Eòrpach a thaobh taic stàite.

Iomairt dà riaghaltais

Ach thuirt Mgr Brown gu bheil barrachd sùbailteachd aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte argamaid a thogail an aghaidh nan riaghailtean agus gu robh còir aca sin a dhèanamh.

"Tha iad ag ràdh gur e as coireach riaghailtean taic-stàite an EU ach chan fhaic mi carson a bhiodh sin.

"Tha mi ag iarraidh orra am mìneachadh laghail a tha iad ag ràdh a fhuair iad fhoillseachadh, agus tha mi ag iarraidh orra a bhith ag obair còmhla ri Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte.

"Bu chòir plana a bhith air a dhealbh eatorra airson dèiligeadh ris an dùbhlan a tha iad ag ràdh a fhuair iad.

"'S e an rùn agam gun tèid an t-òrdugh seo air adhart agus nì mi strì air a shon," thuirt Mgr Brown.

Deireadh linn?

Aig toiseach na seachdain chaidh innse dhan luchd-obrach a bh' air fhàgail aig Gàradh Àranais airson an t-àite a chumail a' dol gun fhios nach tigeadh obair ùr nach biodh feum orra tuilleadh.

Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, gun dèanadh i a dìcheall airson obair a chumail ri Bifab.

Ach dh'innis Comhairle nan Eilean Siar gu bheil e coltach gu bheil an t-àm aig a' chompanaidh aig Gàradh Àranais a' tighinn gu ceann, agus ùidh aig companaidhean eile ann a bhith ga ruith.