BBC Naidheachdan

Fàilte ga cur air lasachadh riaghailtean Chovid aig tuath

Published

Tha Ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Ruairidh MacAoidh, air fàilte a chur air co-dhùnadh Riaghaltas na h-Alba an sgìre a chur ann an Ìre 1 de bhacaidhean smachdachaidh a' Choròna-bhìorais.

Bidh Na h-Eileananan an Iar, a' Ghàidhealtachd, Moireibh, Sealtainn agus Arcaibh uile fo riaghailtean Ìre 1 bho Dhiluain.

'S e naidheachd mhath do ghnìomhachasan aoigheachd gum faod iad a bhith fosgailte nas fhaide gu 22:30f.

Tha an Comhairliche Ruairidh MacAoidh ag ràdh gu bheil e air a dhòigh glan nach eil na h-aon riaghailtean aig gach pàirt de dh'Alba tuilleadh ach gu bheil e na bhriseadh-dùil dha nach fhaod daoine fhathast tadhal air càch a chèile nan dachaighean.

Briseadh-dùil

Tha dà choinneimh air a bhith aca bho bhionn ghoirid le Rùnaire nan Coimhearsnachdan aig Riaghaltas na h-Alba, Aileen Chaimbeul.

"Dh' innis sinn dhi cho cudromach agus a tha càirdean agus caraidean do dhaoine ann an coimhearsnachd bheag agus mhìnich sinn nach eil e an t-sìde sa gheamhradh glè thric a' leigeil leotha cruinneachadh a-muigh.

"Thuirt sinn cuideachd nach eil cus àiteachan ann am bailtean air an tuath far an urrainn do dhaoine coinneachadh.

"Tha sinn eòlach air gu leòr sa choimhearsnachd a bhiodh airson a dhol a chèilidh air luchd-dàimh agus fiù's am pàrantan, rud is dual do dhaoine an seo a bhith a' dèanamh, agus 's e tàmailt a th' ann dhaibh nach eil sin ceadaichte," thuirt an Comh. MacAoidh.

Dòchas gun togar an casg

Thuirt ball nan Eilean Siar ann am Pàrlamaid na h-Alba, Alasdair Allan, gun tèid fàilte a chur air inbhe ùr na sgìre.

"Ged a tha Na h-Eileanan an Iar ann an suidheachadh mòran nas fheàrr an taca ri pàirtean eile den dùthaich, tha an sgapadh ann an Uibhist a' sealltainn gum faod sin atharrachadh gu math luath.

"Tha sinn fhathast ann an cunnart agus cùisean a' sìor èirigh air feadh na Rìoghachd Aonaichte agus san Roinn-Eòrpa agus feumaidh sinn a bhith furachail.

"Tuigidh mi gur e briseadh-dùil a bhios ann do dhaoine nach urrainn dhaibh a dhol gu taighean an teaghlaichean neo an caraidean, agus tha mi an dòchas gun tèid an casg sin a thogail a dh'aithghearr.

"Chan e àm furasta a tha seo do dhuine sam bith sna h-eileanan, ach ma chumas sinn uile ris na riaghailtean, faodaidh misneachd a bhith againn a' dol air adhart," thuirt Mgr Allan.

Bidh ath-sgrùdadh air siostam còig-ìrean an riaghaltais air 10mh den t-Samhain agus thuirt Mgr Allan gum biodh e glè choltach gun tèid an casg air cèilidhean dachaigh a thogail.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

  • Sgìrean comhairle a' Chinn a Tuath uile ann an Ìre 1 de bhacaidhean Covid