BBC Naidheachdan

Sgìrean comhairle a' Chinn a Tuath uile ann an Ìre 1 de bhacaidhean Covid

Published

Bidh Na h-Eileanan an Iar, a' Ghàidhealtachd, Arcaibh, Sealtainn agus Moireibh uile fo riaghailtean Ìre 1 agus cùisean Covid-19 an ìre mhath ìosal aca.

A dh' aindeoin agus gu bheil mìneachadh Ìre 1 ag ràdh gum faod sianar aig a' char as motha bho dhà dhachaigh fa leth a bhith a-staigh còmhla, cha bhi seo ceadaichte bho 2mh den t-Samhain.

Bidh aig àiteachan aoigheachd ri sguir de reic biadh is deoch aig 22:30f, agus chan fhaod barrachd na 20 duine a bhith aig banais neo cuirm eile den t-seòrsa sa.

Cha bhi spòrs a-staigh far a bheil daoine a' buntainn ri chèile ceadaichte, agus thathar ag iarraidh air daoine is urrainn obair bhon taigh leantainn orra sin a dhèanamh.

Rabhadh

Bidh ath-sgrùdadh air a' phoileasaidh air 10mh den t-Samhain.

Chaidh sgìrean eile de dh'Alba a chur fo bhachaidhean Ìre 2 neo 3; chan eil sgìre sam bith fo Ìre 4 agus na bacaidhean as cruaidhe fo shiostam còig-ìrean Riaghaltas na h-Alba.

A' foillseachadh an co-dhùnaidh, dh'iarr am Prìomh Mhinistear air an t-sluagh cumail ri riaghailtean gach ìre agus sgìre.

Thug Nicola Sturgeon rabhadh gum faodadh iad bacaidhean nàiseanta a ghairm sna beagan sheachdainnean air thoiseach, feadhainn cho cruaidh ri Ìre 4 nam measg.