BBC Naidheachdan

Àrdachadh mòr ann an dealan gaoth na mara na amas aig Riaghaltas na h-Alba

Published
image copyrightPA
image captionBhiodh na ceudan de chrainn aig sgeama Neart na Gaoithe ann an Linne Mhoireibh

Tha Riaghaltas na h-Alba ag amas na tha iad a' cruthachadh de dhealan bho thuathan-gaoithe aig muir a leudachadh 10% an ceann deich bliadhna.

Thuirt Ministear na Cumhachd, Pòl Wheelhouse, gu robh iad airson 11 GW a chruthachadh seach an 8 GW a dh'ainmich iad roimhe.

Bhiodh cumhachd gu leòr an sin airson dealan a chumail ri 8,000,000 dachaigh.

Chaidh 15 sgìrean a chomharrachadh far am faodadh tuathan-gaoithe a bhith, le trì dhiubh sin mu cheann a tuath Leòdhais.

Slaic bhon aonadh

Tha aonadh an GMB ag ràdh gur ann faoin a tha a tha na geallaidhean às dèidh mar a chaidh cùmhnantan-obrach eile son tuathan-gaoithe far chosta na h-Alba a null thairis.

Tha cunnart mòr ann gun dùin Gàradh-togail Àranais aig a bheil a' chompanaidh BiFab air mhàl.

Thuirt cò-ordanaiche an GMB ann an Alba Hazel Nolan: "Tha BiFab am ìmpis a dhol fodha leis gu bheil Righaltas na h-Alba a' cur an cùil ris a' chothrom as fheàrr a th' againn airson bun-structair gniòmhachas nan tuathan-gaoithe aig muir a leasachadh an seo.

"Mura h-urrainn do Riaghaltas na h-Alba cùmhnant £30m a thoirt do BhiFab airson ochd seacaidean stàilinn a thogail airson leasachadh Neart na Gaoithe dè na h-obraichean uaine a tha iad a' smaoineachadh a thig às na tha iad a' gealladh?"

Thuirt i gu robh e cealgach a leigeil le obair a dhol a null thairis agus nach robh plana airson cosnaidhean no ro-innleachd airson airgead a chosg air goireasan togail aig an Riaghaltas agus gu robh dìth toil a' ciallachadh fàiligeadh mòr poilitigeach.