BBC Naidheachdan

Chàin eòlaiche foghlaim plana 'son aon cheann a bhith aig trì sgoiltean

Published
image captionTha moladh ann gum bi Àrd-sgoil MhicNeacail fon aon cheannard agus a bhios aig dà sgoil eile

Chàin seann cheannard Comhairle Luchd-teagaisg na h-Alba plana Chomhairle nan eilean Siar airson aon cheannard-sgoile a chur air trì sgoiltean eadar Leòdhas agus na Hearadh.

Sgrìobh an t-Oll. Mata MacÌomhair chun na comhairle ag ràdh gun lagaich sin inbhe gach sgoile agus an t-àite a th' aice sa choimhearsnachd.

Chaidh an t-Oll. MacÌomhair a thogail ann an Leòdhas agus thuirt e gu bheil e a' cur sùim mhòr ann am foghlam na sgìre.

San litir gu Àrd Oifigear an ùghdarrais ionadail, Malcolm Burr, dh' iarr e air ath-bheachdachadh air na molaidhean.

Inbhe sgoile agus sgoilearachd an cunnart

Tha Comhairle nan Eilean Siar airson aon cheannard a chur os cionn Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh, Sgoil Sir E Scott air an Tairbeart agus Bun-Sgoil an t-Òib anns na Hearadh.

Tha an t-Oll. MacÌomhair ag ràdh gur e an t-eòlas a fhuair e mar cheannard air dà sgoil chliùitich an Alba, Acadamaidh na Cananaich agus Àrd-sgoil Rìoghail Dhùn Èideann, is coireach gu bheil am plana a' dèanamh na h-uidhear de dhragh dha.

Thuirt e gum faodadh buannachd eaconamach a bhith an cois leithid de mholadh ach nach biodh buannachd idir ann a thaobh foghlaim chloinne.

'S e tàmailt mòr a bhiodh ann dha, thuirt e, nan cleachdadh Comhairle nan Eilean Siar modail gnìomhachais airson foghlam a lìbhrigeadh do dhaoine òga.

Ath-sgrùdhadh ga iarraidh

Tha an Comhairliche Calum Mac'illEathain cuideachd ag iarraidh gun tèid cur às do phlana na comhairle airson àrd-cheannard a bhith an urra ris na trì sgoiltean.

Tha e a' cumail a-mach nach robh am fiosrachadh slàn aig comhairlichean nuair a bhòt iad air a shon, agus gun robh iad dhen bheachd gum biodh am poileasaidh a' buntainn ri bun-sgoiltean a-mhàin.

Tha e cuideachd a' togail ceist mu an tug a' Chomhairle feart air beachdan na coimhearsnachd air an toir seo buaidh leis gu robh a' mhòr-chuid na aghaidh.

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gun robh iad ag ullachadh freagairt do litir an Ollaimh MhicÌomhair agus cha tug iad seachad beachd fhathast air gearanan a' Chomhairliche Mhic'illEathain.