BBC Naidheachdan

"Linn DF Barnes/BiFab aig Àranais a' tighinn gu ceann"

Published

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil e coltach gu bheil an t-àm aig DF Barnes/BiFab aig Gàrradh Àranais "a' tighinn gu ceann".

'S ann le HIE a tha Àranais is BiFab, a tha nam pàirt den chompanaidh DF Barnes, ga ruith.

Tha connspaid air a bhith ann bho chionn ghoirid is cùmhnantan a bha BiFab an dòchas fhaighinn air a dhol thall-thairis.

Thàinig e am bàrr an t-seachdain seo gu bheil a' chompanaidh air innse do luchd-obrach a bha a' cumail Àranais ann an òrdugh fhad 's a bha e dìomhain nach bi feum orra tuilleadh.

Ùidh

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh a-nise gu bheil ùidh aig buidhnean eile sa ghàrradh agus gun obraich iad gus a shaoradh dhaibh.

Dh'innis an t-ùghdarras gun robh coinneamh aca Dimàirt le Riaghaltas na h-Alba, buill-phàrlamaid is riochdairean eile às na h-Eileanan an Iar is Fìobha, far a bheil BiFab a' ruith dà ghàrradh eile.

Tha a' Chomhairle a-nise a' sireadh coinneimh eile leis an Riaghaltas agus HIE feuch cothrom a thoirt do bhuidhinn eile Àranais a ghabhail os làimhe.

"Tha ùidh ann bho fheadhainn eile is tha e coltach gu bheil linn Barnes/BiFab a' tighinn gu ceann", thuirt Ceannard na Comhairle, Ruairidh MacAoidh.

"Tha dragh ann cuideachd nach eilear a' cumail na h-uidheamachd àrd-ìre aig Àranais ann an òrdugh.

"Tha sinn den bheachd gu bheil e cudromach an ceangal eadar an gàrradh is an fheadhainn a tha ga ruith an-dràsta a bhriseadh cho luath 's a ghabhas, is coimhead ri feadhainn eile, feadhainn a tha sinn an dòchas a bhiodh airson ceangal a-steach le planaichean adhartach airson cumhachd ath-nuadhachail a leasachadh anns na h-Eileanan", thuirt e.

Iomairt

Thàinig am brath bhon Chomhairle às dèidh do BhPA Làbarach 'son na Gàidhealtachd 's nan Eilean ìmpidh a chur air Riaghaltas na h-Alba barrachd a dhèanamh gus obair a thàladh gu Àranais.

Thuirt Rhoda Ghrannd gum bu chòir cothrom a bhith aig companaidh sam bith as urrainn obair a thoirt a dh'Àranais an gàrradh a chleachdadh.

Tha i cuideachd ag iarraidh air an Riaghaltas iomairt margaidheachd a chur air dòigh gus suidheachadh Àranais a leasachadh.

"Tha e follaiseach nach eil BiFab a' toirt obair a dh'Àranais ach tha an gàrradh dìomhain air sgàth an aonta a th' ann eadar a' chompanaidh is HIE", thuirt Rhoda Ghrannd.

"Tha feum againn air mìneachadh air dè tha an cois an aonta an sin is dè mar a gheibh Àranais a-mach às. Tha mi den bheachd gu bheil companaidhean eile ann a dh'fhaodadh an gàrradh a chur gu feum", thuirt i.

Làmhan an luchd-rianachd

Aig an dearbh àm, tha an STUC air sgrìobhadh gu Riaghaltas na h-Alba is iad ag iarraidh orra "fuasgladh poiltigeach" a lorg a thaobh taic 'son BiFab.

Thuirt iad gum feum an Riaghaltas coimhead air a h-uile roghainn a th' ann is dragh orra gun tèid a' chompanaidh ann an làmhan an luchd-rianachd.

Tha iad ag ràdh gum biodh e comasach fhathast obair 'son pròiseact Neart na Gaoithe - a bha am measg chùmhnantan nach d'fhuair BiFab - a chur dhan chompanaidh.

Thuirt labhraiche do Riaghaltas na h-Alba gun dèan iad an dìcheall BiFab a chuideachadh ach gu bheil aca ri riaghailtean a leantainn a thaobh taic-stàite.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

  • Buille ùr a thaobh Àranais