BBC Naidheachdan

Dùil ri fios mu ìrean Diardaoin

Published

Tha dùil gur ann Diardaoin a dh'innseas am Prìomh Mhinistear dè na h-ìrean de riaghailtean Covid anns am bi gach sgìre den dùthaich.

Chuir Pàrlamaid na h-Alba taic ris an an sgeama Dimàirt.

Bidh còig ìrean diofraichte de bhacaidhean ann - bho 0 gu 4 - a rèir an t-suidheachaidh anns gach sgìre.

Tòisichidh an siostam ùr Diluain seo tighinn.

Bha litir dhìomhair bhon Riaghaltas gu COSLA, a chaidh a sgaoileadh, air innse mar-thà gu bheil "dòchas anns an dàta" a thaobh suidheachadh a' bhìorais ann an còig sgìrean comhairle: a' Ghàidhealtachd, na h-Eileanan an Iar, Moireibh, is Sealtainn is Arcaibh.

Ìre 1

A rèir na litreach, dh'fhaodadh gum biodh na sgìrean sin air an cur aig Ìre 1.

A' bruidhinn san deasbad ann am Pàrlamaid na h-Alba Dimàirt, dhearbh Nicola Sturgeon gu bheil an Riaghaltas a' beachdachadh air na còig sgìrean seo a chur ann an Ìre 1.

Bhiodh seo a' ciallachadh gum faodadh taighean-seinnse is taighean-bìdh deoch-làidir a reic a-staigh a-rithist, is bhiodh e ceadaichte dhaibh a bhith fosgailte gu 10.30 air an oidhche.

Ged a tha riaghailtean Ìre 1 ag ràdh gum faod suas ri sianar bho dà dhachaigh coinneachadh a-staigh, thug am Prìomh Mhinistear seachad rabhadh gum biodh casg fhathast air seo sa chiad dol a-mach co-dhiù.

Dh'innis Rùnaire na Slàinte, Jeane Freeman, gum bi siostam ùr fiosrachaidh ann stèidhichte air còdan-puist a dh'innseas gu daoine dè dìreach na riaghailtean a th' ann far a bheil iad.

Deasbad

Coinnichidh Comhairle na Gàidhealtachd Diciadain gus an siostam ùr a dheasbad.

Thuirt tè de chomhairlichean na sgìre, Mairead NicPheadrais, gun cuireadh i fàilte air Ìre 1 'son na Gàidhealtachd is nan Eilean, ach gum bu chòir cead a bhith aig daoine san sgìre tadhal air dachaighean an cuid teaghlaichean is caraidean.

Aig an dearbh àm, dh'innis NHS nan Eilean Siar nach robh cùisean ùra den Choròna-bhìoras anns na h-eileanan Dimàirt.

Cha robh cùisean ùra san sgìre a-nise bho Dhiardaoin seo chaidh, nuair a thàinig e am bàrr gun robh Covid-19 air triùir ann an Leòdhas.

Tha deich là ann bho chaidh cùis ùr a dhearbhadh ann an Uibhist.

Thug àrd-oifigear NHS nan Eilean Siar, Gòrdan Jamieson, taing dhan phoball airson an taic thuige seo, is thuirt e gu bheil e follaiseach gu bheil mar a tha daoine a' leantainn nan riaghailtean air diofar a dhèanamh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

  • Coltas gum bi sgìrean aig tuath aig Ìre 1