BBC Naidheachdan

Là eile gun chùisean ùra de Chovid-19 anns na h-Eileanan

Published

Dhearbh Bòrd Slàinte nan Eilean Siar nach robh cùisean ùra den choròna-bhìoras anns na h-eileanan Diluain.

Cha deach cùisean ùra a dhearbhadh san sgìre a-nise bho Dhiardaoin, nuair a sheall deuchainnean gun robh Covid-19 air triùir ann an Leòdhas.

Tha naoi là ann bho chaidh cùis ùr a dhearbhadh ann an Uibhist.

Chuir àrd-oifigear NHS nan Eilean Siar, Gòrdan Jamieson, "fàilte mhòr" air an naidheachd.

Dh'iarr e air daoine cumail orra a' leantainn gach stiùireadh a th' ann, is thug e taing dhan phoball "airson na tha iad a' dèanamh gus coimhearsnachdan eileanach a dhìon".

Siostam ùr

Aig an dearbh àm, tha e air tighinn am bàrr gu bheil coltas ann gum bi na h-Eileanan an Iar aig Ìre 1 ann an siostam ùr Riaghaltas na h-Alba airson dèiligeadh ri suidheachadh a' choròna-bhìorais.

Bidh còig ìrean diofraichte de bhacaidhean san t-siostam a rèir an t-suidheachaidh gu h-ionadail.

Ged nach foillsich an Riaghaltas cò na sgìrean a bhios anns na h-ìrean fa leth gu nas fhaide den t-seachdain seo, nochd fiosrachadh ann an litir dhìomhair a chuir an Riaghaltas gu COSLA is a chaidh a sgaoileadh.

Dh'innis an litir gu bheil na h-Eileanan an Iar agus a' Ghàidhealtachd am measg còig sgìrean comhairle far a bheil "dòchas anns an dàta" a thaobh suidheachadh Chovid-19, is dùil gun tèid na sgìrean seo a chur aig Ìre 1.

Thuirt tè-labhairt bho Riaghaltas na h-Alba nach deach co-dhùnaidhean a ghabhail aig an ìre seo.

Thèid an siostam ùr a dheasbad ann am Pàrlamaid na h-Alba Dimàirt.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

  • Coltas gum bi sgìrean aig tuath aig Ìre 1