BBC Naidheachdan

Dòchàs às ùr a thaobh iasgairean cèin

Published

Tha comataidh tha a' comhairleachadh Riaghaltas Westminster air cead-obrach do dhaoine bho thall thairis a' moladh cead a thoirt do dh'iasgairean à tìrean cèin a bhith a' fuireach agus ag obair am Breatainn.

Thuige seo, bha Oifis na Duthcha ag ràdh nach bu chòir cead a bhith aca a bhith ag obair sa ghnìomhachas san ùine fhada.

Ach 's e beachd Comataidh Comhairleachaidh na h-Imriche a-nise gur e obair sgileil a tha san iasgach.

Dh'adhbhraich na riaghailtean a th' ann duilgheadasan ann an Alba agus Èirinn a Tuath gu h-àraid.

Gu dearbh, nochd riochdairean iasgaich dragh as aonais luchd-obrach bho thall thairis, gum feumadh pàirtean den ghnìomhachas dùnadh.

Gainnead

Tha gnothaichean nas fhasa do bhàtaichean a tha ag iasgach air taobh a-muigh dusan mìle leis gum faigh luchd-obrach cèin ceadan sònraichte.

Ach air taobh a-staigh dusan mìle, tha Oifis na Dùthcha air a bhith a' cumail a-mach nach e luchd-obrach sgileil a tha anns na h-iasgairean agus gum faodadh Breatannaich an obair a dhèanamh.

Tha Comataidh Comhairleachaidh na h-Imriche, a bhios a' cumail comhairle ri Riaghaltas Westminster, air a bhith a' cluintinn bho bhuidhnean iasgairean a tha ag ràdh gur e dha-rìribh obair sgileil a th' anns an iasgach, is gu bheil gainnead dhaoine a nì an obair.

'S e sin a tha a' fàgail gu bheil a' chomataidh a-nise a' moladh iasgairean a tha ag obair air bàtaichean nas motha na naoi meatair a dh'fhaid a chlàradh mar luchd-obrach sgileil.

Feumaidh Oifis na Dùthcha seo aontachadh mus biodh cead aig iasgairean cèin agus an teaghlaichean a bhith a' fuireach agus ag obair ann am Breatainn.