BBC Naidheachdan

Tubaist mhairbhteach an Loch Abar

Published

Chaochail fireannach, 66, às dèidh tubaist rathaid air an A82 ann an Loch Abar oidhche Luain.

Thachair an tubaist eadar dà charbad faisg air Gleann Glaoidh tuath air Drochaid an Aonachain mu 5.25f.

Bha an duine a' siubhail leis fhèin gu deas ann an Citreon Berlingo uaine a bhuail ann an làraidh Volvo a bha a' dol gu tuath.

Chaochail an duine aig làrach na tubaist.

Cha deach dràibhear na làraidh a ghoirteachadh.

Rannsachadh

Bha an rathad dùinte fad timcheall air naoi uairean a thìde fhad 's a bha Poileas Alba a' rannsachadh aig an làraich.

Dh'innis na Poilis gu bheil na smuaintean aca le teaghlach is caraidean an duine a chaill a bheatha.

Thuirt iad gu bheil an rannsachadh aca a' leantainn is tha iad gu sònraichte airson bruidhinn ri duine sam bith a chunnaic an tubaist fhèin, no na carbadan ron tubaist, no aig a bheil dealbhan dashcam.

Bu chòir fios a chur air Poileas Alba air 101 agus àireamh 2566 26/10 a thoirt seachad.