BBC Naidheachdan

Coltas gum bi sgìrean aig tuath aig Ìre 1

Published
image copyrightGetty Images
image captionThèid plana an Riaghaltais airson siostam dìofar ìrean ionadail a dheasbad aig Holyrood Dimàirt.

Tha e air tighinn am bàrr gu bheil coltas ann gum bi cuid den Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan aig Ìre 1 ann an siostam ùr Riaghaltas na h-Alba airson dèiligeadh ri suidheachadh a' choròna-bhìorais.

Thèid an siostam ùr, anns am bi còig ìrean diofraichte de bhacaidhean a rèir an t-suidheachaidh gu h-ionadail, a chur an sàs Diluain seo tighinn.

Ged a bhios deasbad agus bhòt ann am Pàrlamaid na h-Alba Dimàirt, chan eil dùil gun innis an Riaghaltas gu nas fhaide den t-seachdain cò na sgìrean a bhios anns na h-ìrean fa leth.

A dh'aindeoin sin, tha fiosrachadh air nochdadh ann an litir dhìomhair a chuir an Riaghaltas gu buidheann nan ùghdarrasan ionadail, COSLA, 's a chaidh a sgaoileadh.

Sàbhailteachd

Tha an litir a' mìneachadh gur e a' chomhairle a tha an Riaghaltas a' faighinn a thaobh slàinte a' phobaill nach biodh e sàbhailte aig an ìre seo àite sam bith ann an Alba a chur aig Ìre 0.

Thathas ag ràdh ge-tà, gu bheil "dòchas anns an dàta" a thaobh suidheachadh a' bhìorais ann an còig sgìrean comhairle: a' Ghàidhealtachd, na h-Eileanan an Iar, Moireibh, is Sealtainn is Arcaibh.

A rèir na litreach, dh'fhaodadh gun tèid na sgìrean seo a chur aig Ìre 1.

Bhiodh seo a' ciallachadh am measg eile gum biodh cead aig taighean-seinnse is taighean-bìdh a bhith a' reic deoch-làidir a-staigh a-rithist.

Tha rabhadh ann ge-tà, gum biodh feum fhathast air bacaidhean a thaobh a bhith a' cruinneachadh ann an taighean daoine eile, agus bacaidhean gus stad a chur air daoine siubhail gu sgìrean ann an ìrean nas àirde den t-siostam ùr.

"Ro thràth"

Tha an litir cuideachd ag innse gu bheil an Riaghaltas a' beachdachadh air Siorrachd Lannraig a Tuath is a Deas a chur aig Ìre 4, an ìre as àirde a bhios ann.

A' toirt seachad beachd air an litir a chaidh a sgaoileadh, thuirt tè-labhairt bho Riaghaltas na h-Alba nach deach co-dhùnaidhean sam bith a ghabhail aig an ìre seo is gu bheil e ro thràth beachachadh air dè thachras.

"Bidh seo fon phrosbaig sa Phàrlamaid Dimàirt is cha tèid co-dhùnadh sam bith a dhèanamh gus am bi buill air na planaichean a dheasbad.

"Bidh co-dhùnaidhean cuideachd stèidhichte air an fhiosrachadh às ùra a bhios ann", thuirt i.