BBC Naidheachdan

Fàilte ga cur air maoineachadh airson sgeadachadh Bhaile a' Mhanaich

Published
image copyrightGeograph

Tha Comhairle nan Eilean Siar air aontachadh gun gabh mu £250,000 a chosg bho Stòras Meadhan Bhailtean Riaghaltas na h-Alba mar phàirt de Phròiseact Ath-Leasachaidh Bhaile a' Mhanaich.

Tha an t-ùghdarras ionadail ag ràdh gun tèid an t-airgead a chosg air grunn phròiseactan beaga ach cudromach a tha ag amas air am baile a dhèanamh nas boidhche, na rathaidhean a dhèanamh nas sàbhailte do luchd-coise le ceuman agus solais-sràide nas fheàrr, agus taic a thoirt do phròiseactan coimhearsnachd eile.

Chaidh beachd a' phobaill iarraidh air na dh'iarradh iadsan a thaobh obair leasachaidh agus tha an leithid Comhairle Coimhearsnachd Bheinn na Faoghla agus Co-Bhanntachd Planaidh Uibhist a Tuath agus Bheinn na Faoghla a' cur taic ris.

Thuirt Rona NicAoidh, Cathraiche Comhairle Coimhearsnachd Bheinn na Faoghla, gun robh iad glè thoilichte gun tugadh cead dha na pròiseactan airson Ath-Leasachadh Bhaile a' Mhanaich a dhol air adhart.

"'S e naidheachd fìor mhath a tha seo do Bhaile a' Mhanaich a thaobh a bhith ga dhèanamh nas sàbhailte agus nas fhasa do dhaoine coiseachd ann, cho math ris an obair sgeadachaidh."

"Bu mhath leinn taing a thoirt do Cho-Bhanntachd Planaidh Uibhist a Tuath agus Bheinn na Faoghla agus dhan Chomhairle airson na rùintean againn a thoirt gu buil," thuirt i.

image copyrightGeograph
image caption'S e fear de dh'amasan ath-leasachaidh Bhaile a' Mhanaich gum bi e nas goireasaiche agus nas sàbhailte do luchd-coise.

Thuirt an Comhairliche Dòmhnall Crichton, Cathraiche an Leasachaidh Mhaireannaich: "Tha Stòras Meadhan Bhailtean Riaghaltas na h-Alba airson agus gun soirbhich le meadhan bhailtean agus tha mi misneachail gun gabh seo dèanamh ann am Baile a' Mhanaich leis na pròiseactan a thathar a' cur air adhart agus obair chruaidh a h-uile duine a tha an sàs ann.

"Cha ghabh tomhas de a' bhuannachd a dh' fhaodadh a bhith an cois a' mhaoineachaidh seo do mhuinntir Bhaile a' Mhanaich agus dhan choimhearsnachd air fad ann am Beinn na Faoghla.

"Feumaidh sinn taing a thoirt dhan a h-uile duine a thug na pròiseactan chun na h-ìre far am faigheadh iad maoineachadh."