BBC Naidheachdan

Stiùidio dannsa ùr ann an Steòrnabhagh a-nis fosgailte

Published
image copyrightHIE
image captionKirstie Anderson agus Rodney Jamieson

Dh' fhosgail goireas ùr air iomall Steòrnabhaigh a tha a' cur air adhart feallsanachd fallaineachd agus far am faigh inbhich agus clann clasaichean dannsa agus eacarsaich eile.

'S e càraid phòsta, Kirstie Anderson agus Rodney Jamieson, a th' air cùl an leasachaidh air a bheil Sandwickhill Studios.

Chaidh dàil a chur air an fhosgladh oifigeil aca air sgàth bhacaidhean Covid-19 agus tha Kirstie air a bhith a' tabhann chlasaichean air-loidhne bhon Mhàrt.

Aig toiseach na Dàmhair thòisich i a' teagasg dhaoine am broinn an stiùidio fhèin a' leantainn riaghailtean a thaobh glainnead agus astarachadh sòisealta.

Cuideachadh

Fhuair an dithis taic-airgid Eòrpach bho sgeama LEADER cho math ri taic luach £46,275 bho Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Tha iad an dòchas trì dreuchdan ùra a chruthachadh sna beagan bhliadhnaichean ri teachd.

Thuirt Kirstie Anderson: "Bidh na clasaichean nas fheumaile buileach do dhaoine an dèidh a' ghlasaidh. Bheir iad cuideachadh do dhaoine le an slàinte inntinn agus bothaige agus an cuid fallaineachd san fharsaingeachd, a bharrachd air a bhith a' cumail taic ri roinn na dannsa agus eacarsaich a tha cugallach an-dràsta.

"Tha an taic a fhuair sinn bho HIE agus LEADER a' fàgail gun tèid againn air an obair againn a leasachadh, agus tha sinn air ar dòigh glan gu bheil sinn a' gluasad air adhart agus a' faighinn seachad air dùbhlain mòra na bliadhna."